Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 10:4 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

4 Thigibh a‑nìos am ionnsaigh‐sa, agus cuidichibh leam, a‑chum gum buail sinn Gibeon: oir rinn e sìth ri Iosua, agus ri cloinn Israeil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

4 Thigibh a‑nìos am ionnsaigh-sa, agus cuidichibh leam, a‑chum gum buail sinn Gibeon: oir rinn e sìth ri Iosua, agus ri cloinn Israeil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 10:4
15 Iomraidhean Croise  

An sin thubhairt Iosa ra dheisciobail, Mas àill le neach air bith teachd am dhèidh‐sa, àicheadh e e fhèin, agus togadh e air a chrann‐ceusaidh, agus leanadh e mise.


Nam b’ann den t‑saoghal sibh, ghràdhaicheadh an saoghal a chuid fhèin: ach do bhrìgh nach ann den t‑saoghal sibh, ach gun do thagh mise sibh as an t‑saoghal, uime sin tha fuath aig an t‑saoghal dhuibh.


Ag èigheach, Fheara Israeil, cuidichibh: is e seo an duine a tha a’ teagasg nan uile dhaoine anns gach àit an aghaidh a’ phobaill, agus an lagha, agus an àite seo: agus os bàrr, thug e a‑steach Greugaich don teampall, agus shalaich e an t‑ionad naomh seo.


Seadh, fuilingidh iadsan uile, leis an àill am beatha a chaitheamh gu diadhaidh ann an Iosa Crìosd, geur‐leanmhainn.


Adhaltranaichean, agus a bhan‐adhaltranaichean, nach eil fhios agaibh gur naimhdeas an aghaidh Dhè càirdeas an t‑saoghail? Ge bè air bith neach uime sin leis an àill a bhith na charaid don t‑saoghal, tha e na nàmhaid do Dhia.


Agus nuair a chuala Adoni‐sedec, rìgh Ierusaleim, gun do ghlac Iosua Ai, agus gun do lèirsgrios e e; mar a rinn e ri Iericho agus ra rìgh, mar sin gun do rinn e ri Ai agus ra rìgh; agus gun do rinn luchd‐àiteachaidh Ghibeoin sìth ri Israel, agus gu robh iad nam measg;


Uime sin chruinnich còig rìghrean nan Amorach, rìgh Ierusaleim, rìgh Hebroin, rìgh Iarmuit, rìgh Lachis, rìgh Egloin, iad fhèin an ceann a chèile, agus chaidh iad suas, iad fhèin agus an slòigh uile, agus champaich iad fa chomhair Ghibeoin, agus chog iad na aghaidh.


Agus rinn Iosua sìth riu, agus rinn e coicheangal riu, a leigeil leo a bhith beò: agus mhionnaich uachdarain a’ cho‐chruinneachaidh dhaibh.


Nì anns a bheil iad a’ gabhail iongantais, do bhrìgh nach eil sibhse a’ ruith maille riu anns an neò‐mheasarrachd cheudna gun tomhas, a’ labhairt uilc umaibh:


Oir is iad sin spioradan dheamhan, a’ dèanamh chomharraidhean, a tha a’ dol a‑mach a‑chum rìghrean na talmhainn, agus an domhain uile, gun cruinneachadh a‑chum cath là mòr sin an Dè uile‐chumhachdaich.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan