Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 10:39 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

39 Agus ghlac e e, agus a rìgh, agus a bhailtean uile, agus bhuail iad iad le faobhar a’ chlaidheimh, agus lèirsgrios iad gach anam a bha ann; cha d’fhàg e aon air bith beò: mar a rinn e ri Hebron, mar sin rinn e ri Debir agus ra rìgh: agus mar a rinn e ri Libnah, agus ra rìgh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

39 Agus ghlac e e, agus a rìgh, agus a bhailtean uile, agus bhuail iad iad le faobhar a’ chlaidheimh, agus lèirsgrios iad gach anam a bha ann; cha d’fhàg e aon air bith beò: mar a rinn e ri Hebron, mar sin rinn e ri Debir agus ra rìgh: agus mar a rinn e ri Libnah, agus ra rìgh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 10:39
11 Iomraidhean Croise  

Mar sin bhuail Iehu iadsan uile a mhair de thaigh Ahaib ann an Iesreel, agus a dhaoine mòra uile, agus a luchd‐dàimh, agus a shagartan, gus nach d’fhàg e duine beò aige.


Agus bidh taigh Iàcoib na theine, agus taigh Iòseiph na lasair; agus taigh Esau na asbhuain; agus lasaidh, agus loisgidh iadsan iad; agus chan fhàgar a h‑aon beò de thaigh Esau; oir labhair an Tighearna e.


Mar sin thug an Tighearna ar Dia thairis dar làimh‐ne mar an ceudna Og rìgh Bhasain, agus a shluagh uile: agus bhuail sinn e, gus nach d’fhàgadh a h‑aon beò aige.


An sin thàinig Horam rìgh Ghèseir a‑nìos a chuideachadh Lachis; agus bhuail Iosua e agus a shluagh, gus nach d’fhàg e aon air bith beò aige.


Agus ghlac iad e, agus bhuail iad e le faobhar a’ chlaidheimh, agus a rìgh, agus a bhailtean uile, agus gach anam a bha ann: cha d’fhàg e aon air bith beò, a rèir nan uile nithean a rinn e ri Eglon, ach sgrios e gu tur e, agus gach anam a bha ann.


Agus thill Iosua, agus Israel uile maille ris, gu Debir, agus chog e na aghaidh:


Agus bhuail Iosua tìr nam beann uile, agus na h‑àird a deas, agus a’ chòmhnaird, agus nan tobar, agus an rìghrean uile: cha d’fhàg e aon air bith beò, ach lèirsgrios e gach neach anns an robh anail, mar a dh’àithn an Tighearna Dia Israeil.


Agus thug an Tighearna thairis iad do làimh Israeil, a bhuail iad, agus a chuir an ruaig orra gu Sìdon mòr, agus gu Misrephot‐maim, agus gu còmhnard Mhispeh air an làimh an ear, agus bhuail iad iad, gus nach d’fhàg iad aon dhiubh beò.


Rìgh Dhebir, aon; rìgh Ghedeir, aon;


A‑nis falbh, agus buail na h‑Amalecich, agus sgrios gu tur gach nì a tha aca, agus na caomhain iad; ach marbh araon fear agus bean, leanabh agus cìochran, damh agus caora, càmhal agus asal.


Agus ghlac e Agag, rìgh nan Amaleceach, beò, agus sgrios e an sluagh uile le faobhar a’ chlaidheimh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan