Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 10:2 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Ghabh iad eagal mòr, do bhrìgh gum bu bhaile mòr Gibeon, mar aon de na bailtean rìoghail, agus do bhrìgh gum bu mhò e na Ai, agus gu robh a dhaoine uile treun.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Ghabh iad eagal mòr, do bhrìgh gum bu bhaile mòr Gibeon, mar aon de na bailtean rìoghail, agus do bhrìgh gum bu mhò e na Ai, agus gu robh a dhaoine uile treun.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 10:2
16 Iomraidhean Croise  

Agus chog Ioab an aghaidh Rabah chloinn Amoin, agus ghlac e am baile rìoghail.


An nì as eagal leis an aingidh, thig e air; ach deònaichear miann nam fìrean.


Cha seas duine nur n‑aghaidh; air gach fearann air an saltair sibh, cuiridh an Tighearna ur Dia eagal agus geilt‐chrith romhaibh, a rèir mar a thubhairt e ribh.


Air an là‑an‑diugh tòisichidh mi air d’uamhann‐sa agus d’eagal a chur air na cinnich a tha fo nèamh uile, a chluinneas iomradh ort: agus criothnaichidh iad, agus bidh cràdh orra ad làthair.


Agus chì uile chinnich na talmhainn gun goirear ainm an Tighearna ort, agus bidh eagal orra romhad.


Ach dùil eagalach ri breitheanas, agus feirg theinntich, a sgriosas na h‑eascairdean.


Is nì eagalach tuiteam ann an làmhan an Dè bheò.


Agus thubhairt iad ri Iosua, Gu fìrinneach thug an Tighearna thairis dar làimh am fearann uile: oir tha eadhon luchd‐àiteachaidh na tìre uile air leaghadh far comhair.


Agus fhreagair iad Iosua, agus thubhairt iad, Do bhrìgh gun d’innseadh gu cinnteach dod sheirbhisich cionnas a dh’àithn an Tighearna do Dhia da òglach Maois am fearann uile a thoirt dhuibh, agus luchd‐àiteachaidh na tìre uile a sgrios romhaibh, uime sin bha eagal mòr ar n‑anaman oirnn romhaibh, agus rinn sinn an nì seo.


Agus nuair a chuala luchd‐àiteachaidh Ghibeoin ciod a rinn Iosua ri Iericho agus ri Ai,


Agus thubhairt Daibhidh ri Achis, Ma fhuair mi a‑nis deagh‐ghean ad shùilean, thugar dhomh àit ann am baile‐eigin anns an dùthaich, a‑chum gun gabh mi còmhnaidh an sin: oir carson a ghabhadh do sheirbhiseach còmhnaidh anns a’ bhaile rìoghail maille riutsa?


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan