Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 10:10 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

10 Agus chlaoidh an Tighearna iad ro Israel, agus mharbh e iad le àr mòr aig Gibeon, agus chuir e an ruaig orra rathad uchdach Bhet‐horoin, agus bhuail e iad gu Hasecah, agus gu Macedah.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

10 Agus chlaoidh an Tighearna iad ro Israel, agus mharbh e iad le àr mòr aig Gibeon, agus chuir e an ruaig orra rathad uchdach Bhet-horoin, agus bhuail e iad gu Hasecah, agus gu Macedah.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 10:10
29 Iomraidhean Croise  

Agus chuir e a‑mach saighdean, agus sgap e iad; dealanach, agus chlaoidh e iad.


Agus thog Solamh Gèser, agus Bet‐horon ìochdarach,


Agus bhuail an Tighearna na h‑Etiopaich ro Asa, agus ro Iùdah: agus theich na h‑Etiopaich.


Ach bhris fir na h‑armailt a chuir Amasiah air an ais, a‑chum nach rachadh iad maille ris gu cath, a‑steach air bailtean Iùdah, o Shamaria eadhon gu ruig Bet‐horon, agus bhuail iad trì mìle dhiubh, agus thug iad leo creach mhòr.


Agus chuir e a‑mach a shaighdean, agus sgap e iad, agus thilg e mòran tein‐adhair, agus chlaoidh e iad.


Oir chan ann len claidheamh fhèin a fhuair iad sealbh anns an tìr, agus chan e an gàirdean fhèin a shaor iad, ach do dheaslàmh agus do ghàirdean‐sa agus solas do ghnùise, a chionn gu robh deagh‐ghean agad dhaibh.


Nuair a sgaoil an t‑Uile‐chumhachdach rìghrean innte, bha i geal mar shneachd air Salmon.


Agus a thilg e a‑mach na cinnich romhpa, agus a roinn e oighreachd dhaibh le crannchur, agus a thug e air treubhan Israeil còmhnaidh a ghabhail nam pàilleanan‐san.


Oir èiridh an Tighearna suas, mar ann an sliabh Pherasim, bidh corraich air mar ann an gleann Ghibeoin; a‑chum gun coilean e a obair fhèin, obair neo‐ghnàthach; agus gun dèan e a ghnìomh fhèin, a ghnìomh coimheach.


Agus bheir an Tighearna fa‑near gun cluinnear a ghuth glòrmhor, agus gum faicear leagadh a‑nuas a ghàirdein, le corraich ghairg, agus le lasair teine chaithtich; le sgapadh, agus doininn, agus clachan‐meallain.


Nuair a chog feachd rìgh Bhàbiloin an aghaidh Ierusaleim, agus an aghaidh uile bhailtean Iùdah a bha air am fàgail, an aghaidh Lacheis, agus an aghaidh Asecah: oir mhair iad seo de bhailtean Iùdah nam bailtean daingnichte.


Agus thèid an Tighearna a‑mach, agus cogaidh e an aghaidh nan cinneach sin, mar a chog e ann an là a’ chatha.


Ach bheir an Tighearna do Dhia iad thairis dhut, agus sgriosaidh e iad le sgrios mòr, gus an cuirear as dhaibh.


Agus nuair a bha iad a’ teicheadh ro Israel, agus iad air leathad Bhet‐horoin, thilg an Tighearna clachan mòra orra a‑nuas o nèamh gu Hasecah, agus fhuair iad bàs: bu lìonmhoire iadsan a bhàsaich leis na clachan‐meallain na iadsan a mharbh clann Israeil leis a’ chlaidheamh.


Agus air an là sin fhèin ghlac Iosua Macedah, agus bhuail e e le faobhar a’ chlaidheimh, agus a rìgh sgrios e gu tur, iadsan agus gach anam a bha ann; cha d’fhàg e neach air bith beò: agus rinn e ri rìgh Mhacedah mar a rinn e ri rìgh Iericho.


Uime sin thàinig Iosua orra gu h‑obann: rè na h‑oidhche chaidh e suas o Ghilgal.


Agus thug an Tighearna thairis iad do làimh Israeil, a bhuail iad, agus a chuir an ruaig orra gu Sìdon mòr, agus gu Misrephot‐maim, agus gu còmhnard Mhispeh air an làimh an ear, agus bhuail iad iad, gus nach d’fhàg iad aon dhiubh beò.


Rìgh Mhacedah, aon; rìgh Bheteil, aon;


Iarmut, agus Adulam, Sochoh, agus Asecah,


Agus Gederot, Bet‐dagon, agus Nàamah, agus Macedah: sia mòr‐bhailtean deug lem bailtean beaga.


Agus a’ gabhail sìos a làimh na h‑àird an iar gu crìch Iaphleti, gu crìch Bhet‐horoin ìochdaraich, agus gu Gèser: agus tha a dhol a‑mach aig an fhairge.


Agus bha crìoch chloinn Ephraim, a rèir an teaghlaichean, mar seo: b’i eadhon crìoch an oighreachd air an làimh an ear Atarot‐adar, gu Bet‐horon uachdarach:


Agus Cibsaim le a fhearann co‑roinn, agus Bet‐horon le a fhearann co‑roinn: ceithir bailtean.


Agus sgrios an Tighearna Sisera, agus a charbadan uile, agus a shluagh uile, le faobhar a’ chlaidheimh ro Bharac: agus theirinn Sisera sìos o a charbad, agus theich e as da chois.


Ach lean Barac an dèidh nan carbad, agus an dèidh an t‑sluaigh, gu Haroset nan cinneach: agus thuit sluagh Shisera uile le faobhar a’ chlaidheimh: cha d’fhàgadh uiread is a h‑aon dhiubh.


O nèamh chog na reultan; on slighean àrda chog iad an aghaidh Shisera.


Agus thionndaidh cuideachd eile don t‑slighe a dh’ionnsaigh Bhet‐horoin: agus thionndaidh cuideachd eile do shlighe na crìche, a tha ag amharc ri gleann Sheboim, a dh’ionnsaigh an fhàsaich.


A‑nis chruinnich na Philistich an slòigh an ceann a chèile gu cath, agus chruinnicheadh iad aig Sochoh, a bhuineas do Iùdah; agus champaich iad eadar Sochoh agus Asecah, ann an Ephes‐damim.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan