Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 1:12 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

12 Agus ris na Reubenich, agus ris na Gadaich, agus ri leth‐threubh Mhanaseh, labhair Iosua, ag ràdh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

12 Agus ris na Reubenich, agus ris na Gadaich, agus ri leth-threubh Mhanaseh, labhair Iosua, ag ràdh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 1:12
5 Iomraidhean Croise  

Agus a bhràithrean, daoine gaisgeil, dà mhìle agus seachd ceud, cinn nan teaghlach: agus rinn Daibhidh iad nan luchd‐riaghlaidh os cionn nan Reubeneach, agus nan Gadach, agus leth‐threubh Mhanaseh, anns gach nì a bhuineadh do Dhia, agus ann an gnothaichean an rìgh.


Bha mic Reubein, agus na Gadaich, agus leth‐threubh Mhanaseh, de fhir threuna, fir chomasach gu sgiath agus claidheamh iomchar, agus gu tilgeadh le bogha, agus teòma air cogadh, ceithir agus trì‐fichead mìle agus seachd ceud agus trì‐fichead an àireamh, a chaidh a‑mach gu cogadh.


An sin ghairm Iosua na Reubenich, agus na Gadaich, agus leth‐threubh Mhanaseh,


Agus thubhairt e riu, Ghlèidh sibh na h‑uile nithean a dh’àithn Maois, òglach an Tighearna, dhuibh, agus thug sibh gèill dom ghuth‐sa anns na h‑uile nithean a dh’àithn mi dhuibh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan