Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iosua 1:1 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 A‑nis, an dèidh bàs Mhaois, òglach an Tighearna, labhair an Tighearna ri Iosua mac Nuin, fear‐frithealaidh Mhaois, ag ràdh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 A‑nis, an dèidh bàs Mhaois, òglach an Tighearna, labhair an Tighearna ri Iosua mac Nuin, fear-frithealaidh Mhaois, ag ràdh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iosua 1:1
29 Iomraidhean Croise  

Agus Iehu mac Nimsi ungaidh tu na rìgh air Israel: agus Elisa mac Shaphait o Abel‐meholah ungaidh tu na fhàidh ad àite fhèin.


Agus thubhairt Iehosaphat, Nach eil an seo fàidh leis an Tighearna, a‑chum gum fiosraich sinn den Tighearna leis? Agus fhreagair aon de sheirbhisich rìgh Israeil, agus thubhairt e, Tha an seo Elisa mac Shaphait, a thaom uisge air làmhan Eliah.


Agus rinn uile choitheanal na muinntir a thàinig air an ais on bhraighdeanas pàilleanan, agus shuidh iad fo na pàilleanan: oir o làithean Iosua mhic Nuin, gu ruig an là sin, cha do rinn clann Israeil mar sin; agus bha gàirdeachas ro‑mhòr ann.


Agus dh’èirich Maois suas, agus Iosua a òglach: agus chaidh Maois suas do shliabh Dhè.


Agus fhreagair Iosua mac Nuin, seirbhiseach Mhaois, aon de a òganaich, agus thubhairt e, Mo thighearna, a Mhaois, bac iad.


Chan ann mar sin dom sheirbhiseach Maois, a tha fìrinneach ann am thaigh uile.


Is iad sin ainmean nan daoine a chuir Maois a ghabhail beachd air an fhearann. Agus thug Maois Iehosua mar ainm air Hosèa, mac Nuin.


De threubh Ephraim, Hosèa mac Nuin.


An tì a tha fìrinneach anns an nì as lugha, tha e fìrinneach mar an ceudna ann am mòran; agus an tì a tha eucorach anns an nì as lugha, tha e eucorach ann am mòran mar an ceudna.


An nì a thug mar an ceudna ar n‑athraichean, a bha nan dèidh, a‑steach maille ri Iosa do sheilbh nan Cinneach, a thilg Dia a‑mach ro ghnùis ar n‑athraichean, gu làithean Dhaibhidh;


Pòl, seirbhiseach Iosa Crìosd, a ghairmeadh na abstol, a chuireadh air leth a‑chum soisgeul Dhè,


Ach Iosua mac Nuin, a tha na sheasamh ad làthair, thèid esan a‑steach an sin. Thoir misneach dha, oir bheir e air Israel a shealbhachadh.


Agus dh’àithn e do Iosua mac Nuin, agus thubhairt e, Bi làidir, agus biodh deagh mhisneach agad: oir bheir thu clann Israeil don fhearann a mhionnaich mi dhaibh; agus bidh mise maille riut.


Thèid an Tighearna do Dhia e fhèin a‑null romhad; sgriosaidh esan na cinnich sin od làthair, agus sealbhaichidh tu iad: agus thèid Iosua a‑null romhad, mar a thubhairt an Tighearna.


Agus is e seo am beannachadh leis an do bheannaich Maois, òglach Dhè, clann Israeil ro a bhàs.


Agus anns an làimh chumhachdaich sin uile, agus anns an uamhas mhòr uile, a dh’obraich Maois ann an sealladh Israeil uile.


Agus fhuair Maois, òglach an Tighearna, bàs an sin, ann am fearann Mhòaib, a rèir facal an Tighearna.


Agus bha Iosua mac Nuin làn de spiorad a’ ghliocais; oir chuir Maois a làmhan air: agus dh’èisd clann Israeil ris, agus rinn iad mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.


Pòl, seirbhiseach Dhè, agus abstol Iosa Crìosd, a rèir creideamh daoine taghte Dhè, agus aidmheil na fìrinn a tha a rèir diadhachd;


Tha Seumas, seirbhiseach Dhè, agus an Tighearna Iosa Crìosd, a’ cur beannachd a‑chum an dà‑threubh‐dheug a tha air an sgapadh o chèile.


Gus an toir an Tighearna fois dur bràithrean, mar a thug e dhuibhse, agus gun sealbhaich iadsan mar an ceudna an tìr a tha an Tighearna ur Dia a’ tabhairt dhaibh: an sin tillidh sibh gu tìr ur seilbhe, agus sealbhaichidh sibh i, eadhon an tìr a thug Maois, òglach an Tighearna, dhuibh air an taobh seo de Iòrdan, leth ri èirigh na grèine.


Tha m’òglach Maois marbh: a‑nis uime sin èirich, gabh thairis air Iòrdan seo, thu fhèin, agus an sluagh seo uile, a dh’ionnsaigh na tìre a tha mise a’ tabhairt dhaibh, eadhon do chloinn Israeil.


Iadsan bhuail Maois, òglach an Tighearna, agus clann Israeil; agus thug Maois, òglach an Tighearna, e mar sheilbh do na Reubenich, agus do na Gadaich, agus do leth‐threubh Mhanaseh.


Is mise an Tì a tha beò, agus a bha marbh; agus, feuch, tha mi beò gu saoghal nan saoghal, Amen; agus tha iuchraichean ifrinn agus a’ bhàis agam.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan