Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iob 1:7 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

7 Agus thubhairt an Tighearna ri Sàtan, Cia as a thàinig thu? Agus fhreagair Sàtan an Tighearna, agus thubhairt e, O imeachd mun cuairt air an talamh, agus o shiubhal sìos agus suas air.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

7 Agus thubhairt an Tighearna ri Sàtan, Cia as a thàinig thu? Agus fhreagair Sàtan an Tighearna, agus thubhairt e, O imeachd mun cuairt air an talamh, agus o shiubhal sìos agus suas air.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iob 1:7
9 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh esan a‑steach, agus sheas e an làthair a mhaighistir, agus thubhairt Elisa ris, Cia as a thàinig thusa, a Ghehasi? Agus thubhairt esan, Cha deachaidh do sheirbhiseach taobh air bith.


Agus thubhairt an Tighearna ri Sàtan, Cia as a thàinig thu? Agus fhreagair Sàtan an Tighearna, agus thubhairt e, O imeachd mun cuairt air an talamh, agus o shiubhal sìos agus suas air.


Agus chaidh na h‑eich bhalla‑dhearg a‑mach, agus thairg iad imeachd a‑chum gun siùbhladh iad sìos agus suas air feadh na talmhainn. Agus thubhairt e, Falbhaibh, imichibh sìos agus suas air feadh na talmhainn. Is amhail a dh’imich iad sìos agus suas air feadh na talmhainn.


An dèidh don spiorad neòghlan dol a‑mach à duine, imichidh e tro ionadan tioram, ag iarraidh foise, agus chan fhaigh e.


Bithibh stuama, dèanaibh faire; do bhrìgh gu bheil ur nàmhaid an diabhal, mar leòmhann beucach, ag imeachd mun cuairt a’ sireadh cò a dh’fhaodas e shlugadh suas:


Agus thilgeadh a‑mach an dràgon mòr, an t‑seann nathair sin, ris an abrar an diabhal, agus Sàtan, a tha a’ mealladh an t‑saoghail uile: thilgeadh a‑mach e a‑chum na talmhainn, agus thilgeadh a‑mach a aingil maille ris.


Agus thèid e a‑mach a mhealladh nan cinneach, a tha ann an ceithir cheàrnan na talmhainn, Gog agus Magog, a‑chum an cruinneachadh gu cath; muinntir a tha ann an àireamh mar ghaineimh na fairge.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan