Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iob 1:21 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

21 Agus thubhairt e, Lomnochd thàinig mi à broinn mo mhàthar, agus lomnochd tillidh mi an sin: thug an Tighearna seachad, agus thug an Tighearna leis: beannaichte gu robh ainm an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

21 Agus thubhairt e, Lomnochd thàinig mi à broinn mo mhàthar, agus lomnochd tillidh mi an sin: thug an Tighearna seachad, agus thug an Tighearna leis: beannaichte gu robh ainm an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iob 1:21
35 Iomraidhean Croise  

Am fallas do ghnùise ithidh tu aran, gus an till thu a dh’ionnsaigh na talmhainn; oir aisde thugadh thu: oir is duslach thu, agus gu duslach tillidh tu.


Agus las corraich Iàcoib ri Rachel, agus thubhairt e, A bheil mise an àite Dhè, a chùm uat toradh na bronn?


Agus a‑nis na biodh doilgheas oirbh, no corraich agaibh ribh fhèin, a chionn gun do reic sibh mise an seo; oir chuir Dia romhaibh mi, gu sibhse a ghleidheadh beò:


Theagamh gun amhairc an Tighearna air m’àmhghar, agus gun dìol an Tighearna dhomh math airson a mhallachaidh air an là‑an‑diugh.


Mar seo cha d’èisd an rìgh ris an t‑sluagh; oir bha an t‑adhbhar on Tighearna, a‑chum gun coileanadh e a fhacal fhèin a labhair an Tighearna le làimh Ahiah an Silonach ri Ierobòam mac Nebait.


An sin thubhairt Heseciah ri Isaiah, Is math facal an Tighearna a labhair thu: thubhairt e mar an ceudna, Nach math ma bhios sìth agus fìrinn ann am làithean‐sa?


Agus thubhairt na Lèbhithich, Iesua agus Cadmiel, Bani, Hasabniah, Serebiah, Hodiah, Sebaniah, agus Petahiah, Eiribh, beannaichibh an Tighearna ur Dia gu saoghal nan saoghal: agus beannaichte gu robh d’ainm glòrmhor‐sa, a tha air àrdachadh os cionn gach beannachaidh agus cliù.


Ach cuir a‑nis a‑mach do làmh, agus bean ris gach nì a tha aige, agus as an aodann mallaichidh e thu.


Ach thubhairt esan rithe, Mar a labhras aon de na mnathan amaideach tha thu a’ labhairt: seadh, an gabh sinn math o làimh Dhè, agus nach gabh sinn olc? An seo uile cha do pheacaich Iob le a bhilean.


Feuch, ma bheir e air falbh, cò a bhacas e? Cò a their ris, Ciod a tha thu a’ dèanamh?


Beannaichidh mi an Tighearna gach àm; an còmhnaidh bidh a mholadh ann am bheul.


Anns an Tighearna nì m’anam uaill; cluinnidh na daoine sèimhe, agus nì iad aoibhneas.


Bha mi am thosd, cha d’fhosgail mi mo bheul, a chionn gur tusa a rinn e.


Oir nuair a gheibh e bàs, cha toir e nì air bith leis; cha tèid a ghlòir sìos na dhèidh,


An sin tillidh an duslach a‑chum na talmhainn mar a bha e; agus tillidh an spiorad a‑chum Dhè, a thug uaithe e.


Ach thèid as don t‑saoibhreas sin le droch shaothair: agus ginidh e mac, agus cha bhi nì air bith na làimh.


Mar a thàinig e a‑mach lomnochd à broinn a mhàthar, ath‐thillidh e, a’ dol mar a thàinig e; agus cha ghiùlan e nì air bith de a shaothair a bheir e leis na làimh.


Gach duine mar an ceudna don tug Dia beartas agus saoibhreas, agus don tug e comas ithe dhiubh, agus a chuibhreann a ghlacadh, agus gàirdeachas a dhèanamh na shaothair; is e seo tìodhlac Dhè.


Uime sin anns an teine glòraichibh an Tighearna; eadhon ainm an Tighearna, Dia Israeil, ann an eileanan a’ chuain.


Cò a thug Iàcob mar chobhartach, agus Israel don luchd‐creachaidh? Nach b’e an Tighearna, esan an aghaidh an do pheacaich iad, agus nach b’àill leo gluasad na shlighean, cha mhò a thug iad gèill da reachd?


Tha mi a’ dealbhadh an t‑solais, agus a’ cruthachadh an dorchadais; a’ dèanamh sìthe, agus a’ cruthachadh dòlais; tha mise an Tighearna a’ dèanamh nan nithean seo uile.


Nach ann o òrdagh an Tì as ro‑àirde a thig olc agus math?


An sèidear an trompaid ann am baile, agus gun eagal a bhith air an t‑sluagh? Am bi dòrainn ann am baile, agus nach e an Tighearna a chuir ann e?


Nach eil e ceadaichte dhòmhsa an nì as àill leam a dhèanamh rim chuid fhèin? A bheil do shùil‐sa olc, airson gu bheil mise math?


A dhèanamh gach nì a ro‑òrdaich do làmh agus do chomhairle a bhith air a dhèanamh.


A’ toirt buidheachais a‑ghnàth airson nan uile nithean do Dhia, eadhon an t‑Athair, ann an ainm ar Tighearna Iosa Crìosd;


Anns gach uile nì thugaibh buidheachas; oir is i seo toil Dhè ann an Iosa Crìosd dur taobh.


Oir cha tug sinn nì air bith leinn don t‑saoghal seo, agus is soilleir nach urrainn sinn nì sam bith a thoirt as.


Tha gach uile dheagh thabhartas agus gach uile thìodhlac iomlan on àirde, a’ teachd a‑nuas o Athair na soillse, maille ris nach eil atharrachadh, no sgàil tionndaidh.


Feuch, measar sona leinn iadsan a dh’fhuilingeas. Chuala sibh iomradh air foighidinn Iob, agus chunnaic sibh crìoch an Tighearna; gu bheil an Tighearna ro‑theò‐chridheach agus tròcaireach.


Chaidh mi a‑mach làn, agus thug an Tighearna air m’ais mi falamh. Carson, matà, a their sibh Naòmi rium, agus gun tug an Tighearna fianais am aghaidh, agus gun do chuir an t‑Uile‐chumhachdach fo àmhghar mi?


Is e an Tighearna a nì bochd, agus a nì beartach: leagaidh e sìos, agus togaidh e suas.


Togaidh e am bochd on duslach: on òtrach togaidh e suas am feumach, gan cur nan suidhe maille ri uachdarain, agus a thoirt orra cathair glòire a shealbhachadh; oir is leis an Tighearna bunaitean na talmhainn, agus shuidhich e an domhan orra.


Agus dh’innis Samuel dha na h‑uile nithean, agus cha do cheil e nì sam bith air. Agus thubhairt esan, Is e an Tighearna a tha ann; an nì sin a tha math na shùilean nì e.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan