Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iob 1:18 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

18 Nuair a bha e fhathast a’ labhairt, thàinig mar an ceudna fear eile, agus thubhairt e, Bha do mhic agus do nigheanan ag ithe, agus ag òl fìona ann an taigh am bràthar a bu shine:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

18 Nuair a bha e fhathast a’ labhairt, thàinig mar an ceudna fear eile, agus thubhairt e, Bha do mhic agus do nigheanan ag ithe, agus ag òl fìona ann an taigh am bràthar a bu shine:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iob 1:18
17 Iomraidhean Croise  

A‑nis dh’àithn Absalom da òglaich, ag ràdh, Thugaibh fa‑near a‑nis nuair a bhios cridhe Amnoin subhach le fìon, agus nuair a their mise ribh, Buailibh Amnon, an sin marbhaibh e. Na biodh eagal oirbh: nach d’àithn mise dhuibh? Bithibh misneachail, agus bithibh treun.


Agus bha là air an robh a mhic agus a nigheanan ag ithe agus ag òl fìona ann an taigh am bràthar a bu shine:


Nuair a bha e fhathast a’ labhairt, thàinig mar an ceudna fear eile, agus thubhairt e, Rinn na Caldèanaich suas trì buidhnean, agus thug iad ionnsaigh air na càmhail, agus thug iad leo iad, agus mharbh iad na h‑òglaich le faobhar a’ chlaidheimh; agus thàinig mise am aonar a dh’innse dhut.


Agus, feuch, thàinig gaoth mhòr on fhàsach, agus bhuail i air ceithir oisinnean an taighe, agus thuit e air na h‑òganaich, agus tha iad marbh; agus thàinig mise am aonar as, a dh’innse dhut.


Agus chaidh a mhic agus rinn iad cuirm aig an taigh, gach fear air a là fhèin; agus chuir iad fios, agus thug iad cuireadh dan trì peathraichean a dh’ithe agus a dh’òl maille riu.


Brisidh e mi le briseadh air bhriseadh; ruithidh e orm mar churaidh.


An‑diugh fhèin is searbh mo ghearan: is truime mo bhuille na m’osna.


Ma dh’fhàsas a mhic lìonmhor, is ann airson a’ chlaidheimh; agus cha sàsaichear a shliochd le aran.


Ma pheacaich do chlann na aghaidh, agus gun tug e thairis iad dan easaontas;


Is lìonmhor àmhgharan an fhìrein, ach asda air fad saoraidh an Tighearna e.


Thig na h‑uile nithean air aon seòl do na h‑uile dhaoine: tachraidh an aon nì don fhìrean agus don aingidh; don mhath, agus don ghlan, agus don neòghlan; dhàsan a dh’ìobras, agus dhàsan nach ìobair: mar a tha an duine math, is ann mar sin a tha am peacach; agus esan a mhionnaicheas, mar an tì air a bheil eagal mhionn.


On àm anns an siubhail i troimhe, nì i greim oirbh; oir madainn an dèidh maidne siùbhlaidh i troimhe, a là agus a dh’oidhche; agus dùisgidh eadhon an t‑iomradh a‑mhàin uamhainn.


Greasaidh fear‐ruith gu luath an còdhail fir‐ruithe, agus teachdaire an còdhail teachdaire, a dh’innse do rìgh Bhàbiloin gun do ghlacadh a chathair aig a ceann;


O sibhse uile a tha a’ gabhail an rathaid, amhaircibh agus faicibh a bheil bròn sam bith cosmhail rim bhròn‐sa a thugadh orm, on uair anns an do rinn an Tighearna mo smachdachadh ann an là a dhian‐fheirge.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan