Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Iob 1:10 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

10 Nach do chuir thu gàrradh mun cuairt air fhèin, agus mun cuairt air a thaigh, agus mun cuairt air gach nì a tha aige air gach taobh? Obair a làmh bheannaich thu, agus dh’fhàs a mhaoin mòr anns an tìr:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

10 Nach do chuir thu gàrradh mun cuairt air fhèin, agus mun cuairt air a thaigh, agus mun cuairt air gach nì a tha aige air gach taobh? Obair a làmh bheannaich thu, agus dh’fhàs a mhaoin mòr anns an tìr:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Iob 1:10
29 Iomraidhean Croise  

An dèidh nan nithean sin thàinig facal an Tighearna gu Abram ann an taisbeanadh, ag ràdh, Na biodh eagal ort, Abraim: is mise do sgiath agus do dhuais ro‑mhòr.


An sin shìol‐chuir Isaac anns an tìr sin, agus fhuair e anns a’ bhliadhna sin fhèin a cheud uiread is a chuir e, agus bheannaich an Tighearna e.


Oir is beag a bha agad mun tàinig mi, agus a‑nis tha e air fàs na mhòran; agus bheannaich Dia thu an lorg mo theachd‐sa; agus a‑nis, cuin a nì mi mar an ceudna airson mo thaighe fhèin?


Agus dh’fhàs an duine ro‑shaoibhir; agus bha mòran sprèidhe aige, agus banoglaich, agus òglaich, agus càmhail, agus asail.


Agus on àm sin fhèin anns an do rinn e e na fhear‐riaghlaidh air a thaigh, agus air gach nì a bha aige, bheannaich an Tighearna taigh an Èiphitich air sgàth Iòseiph: agus bha beannachadh an Tighearna air gach nì a bha aige, anns an taigh agus anns a’ mhachair.


Eadhon le Dia d’athar, a nì còmhnadh leat, agus leis an Uile‐chumhachdach, a bheannaicheas thu le beannachdan nèimh on àirde, beannachdan na doimhne shìos, beannachdan nan cìoch, agus na bronn.


Agus b’i a mhaoin seachd mìle caora, agus trì mìle càmhal, agus còig ceud cuing dhamh, agus còig ceud asal bhoireann, agus teaghlach ro‑mhòr: agus bha an duine sin mòr os cionn uile dhaoine na h‑àird an ear.


Och nach robh mi mar anns na mìosan a chaidh tharam, mar anns na làithean air an do choimhead Dia mi!


Nuair a nigh mi mo cheuman le ìm, agus a thaom a’ charraig a‑mach dhomh sruthain ola;


Ma rinn mi gàirdeachas a chionn gu robh mo bheartas mòr, agus a chionn gun d’fhuair mo làmh mòran;


Agus bheannaich an Tighearna crìoch Iob nas mò na a thoiseach; agus bha aige ceithir‐mìle‐deug caora, agus sia mìle càmhal, agus mìle cuing dhamh, agus mìle asal bhoireann.


Agus beannaichidh e iad, agus fàsaidh iad ro‑lìonmhor; agus cha lùghdaich e an sprèidh.


Campaichidh aingeal an Tighearna man timcheall‐san don eagal e, agus teasairgidh e iad.


Oir beannaichidh tusa am fìrean, a Thighearna; le deagh‐ghean cuartaichidh tu e, mar le sgèith.


Meudaichidh tu mo mhòrachd, agus air gach taobh bheir thu sòlas dhomh.


Carson a bhris thu sìos a ballachan‐dìonaidh, air chor is gu bheil uile luchd‐gabhail na slighe ga spìonadh?


Agus biodh maise an Tighearna ar Dia oirnn, agus daingnich thusa obair ar làmh dhuinn; seadh, daingnich obair ar làmh.


Nì beannachadh an Tighearna saoibhir, agus cha chuir e doilgheas na chuideachd.


Agus chuir e callaid ma thimcheall agus ghlan e na clachan as, agus shuidhich e rogha fìonain ann, agus thog e tùr na mheadhon, agus cuideachd chladhaich e amar‐fìona agus dh’amhairc e a dh’fheuchainn an tugadh e a‑mach dearcan fìona, agus thug e a‑mach dearcan fiadhain.


Agus a‑nis thigibh, nochdaidh mise dhuibh ciod a nì mi rim fhìonlios; bheir mi air falbh a challaid, agus ithear suas e; brisidh mi a bhalla, agus bidh e air a shaltairt sìos.


Oir bidh mise, tha an Tighearna ag ràdh, ann am bhalla teine dhi mun cuairt, agus bidh mi ann am ghlòir na meadhon.


Oir mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, An dèidh na glòire seo chuir e mise a‑chum nan cinneach a chreach sibhse; oir an tì a bheanas ribhse, beanaidh e ri cloich a shùla‑san.


Beannaich, O Thighearna, a mhaoin, agus gabh ri obair a làmh: buail tro leasraidh na muinntir a dh’èireas na aghaidh, agus na muinntir leis am fuathach e, a‑chum nach èirich iad a‑rìs.


Is e an Dia bithbhuan do thèarmann, agus foidhe tha na gàirdeanan sìorraidh: agus fuadaichidh e a‑mach an nàmhaid romhad, agus their e, Cuir as dha.


Agus gràdhaichidh e thu, agus beannaichidh e thu, agus nì e lìonmhor thu: mar an ceudna beannaichidh e toradh do bhronn, agus toradh d’fhearainn, d’arbhar, agus d’fhìon, agus d’ola, fàs do chruidh, agus treudan do chaorach, anns an fhearann a mhionnaich e dod athraichean a thabhairt dhut.


A tha air ur coimhead le cumhachd Dhè tre chreideamh a‑chum slàinte, a tha ullamh ra foillseachadh anns an aimsir dheireannaich:


Bha iad nam balla dhuinn araon a dh’oidhche agus a là, rè na h‑aimsir a bha sinn maille riu ag ionaltradh nan caorach.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan