Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 9:34 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

34 Agus nuair a chunnaic Phàraoh gun do sguir an t‑uisge, agus a’ chlach‐mheallain, agus an tàirneanach, pheacaich e fhathast mar an ceudna, agus chruadhaich e a chridhe, e fhèin agus a sheirbhisich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

34 Agus nuair a chunnaic Phàraoh gun do sguir an t‑uisge, agus a’ chlach-mheallain, agus an tàirneanach, pheacaich e fhathast mar an ceudna, agus chruadhaich e a chridhe, e fhèin agus a sheirbhisich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 9:34
11 Iomraidhean Croise  

Agus an àm a theanntachd rinn e fhathast tuilleadh cionta an aghaidh an Tighearna, an rìgh seo fhèin Ahas.


Agus cha d’irioslaich e e fhèin am fianais an Tighearna, mar a dh’irioslaich Manaseh a athair e fhèin; ach mheudaich Amon easaontas.


Agus mar an ceudna rinn e ceannairc an aghaidh rìgh Nebuchadnesair, a thug air mionnachadh air Dia: ach ragaich e a mhuineal, agus chruadhaich e a chridhe o thionndadh a dh’ionnsaigh an Tighearna, Dia Israeil.


Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Nuair a dh’imicheas tu a‑chum tilleadh don Èiphit, thoir an aire gun dèan thu na h‑iongantasan sin uile, a chuir mise ann ad làimh, am fianais Phàraoh: ach cruadhaichidh mise a chridhe, agus cha leig e leis an t‑sluagh imeachd.


Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Chruadhaicheadh cridhe Phàraoh, tha e a’ diùltadh leigeadh leis an t‑sluagh falbh.


Ach nuair a chunnaic Phàraoh gu robh fois ann, chruadhaich e a chridhe, agus cha d’èisd e riu, mar a thubhairt an Tighearna.


Agus chaidh Maois a‑mach o Phàraoh as a’ bhaile, agus shìn e a‑mach a làmhan a‑chum an Tighearna; agus sguir an tàirneanach agus a’ chlach‐mheallain, agus cha do dhòirteadh an t‑uisge air an talamh.


Agus chruadhaicheadh cridhe Phàraoh, agus cha do leig e clann Israeil air falbh, mar a labhair an Tighearna le Maois.


A chionn nach eil binn an aghaidh droch obrach ga cur an gnìomh gu luath, uime sin tha cridhe clann nan daoine làn‐shuidhichte air olc a dhèanamh.


Carson uime sin a chruadhaicheas sibh ur cridhe, mar a chruadhaich na h‑Eiphitich agus Phàraoh an cridhe, nuair a rinn e gu h‑iongantach nam measg, nach do leig iad an sluagh air falbh, agus dh’imich iad?


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan