Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 9:2 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Oir ma dhiùltas tu leigeadh leo imeachd, agus gun cùm thu iad fhathast,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Oir ma dhiùltas tu leigeadh leo imeachd, agus gun cùm thu iad fhathast,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 9:2
15 Iomraidhean Croise  

Ach brisidh Dia ceann a naimhdean, claigeann greannach an fhir a dh’imicheas na pheacaidhean.


Ach ma dhiùltas tu leigeadh lem shluagh imeachd, feuch, bheir mise a‑màireach na lòcaist a‑steach dod chrìochan:


Agus tha mi ag ràdh riut, Leig lem mhac imeachd, a‑chum is gun dèan e seirbhis dhomh; agus ma dhiùltas tu leigeadh leis imeachd, feuch, marbhaidh mise do mhac‐sa, eadhon do chiad‐ghin.


Agus na dhèidh sin chaidh Maois agus Aaron a‑steach, agus thubhairt iad ri Phàraoh, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun glèidh iad fèill dhòmhsa anns an fhàsach.


Agus ma dhiùltas tu an leigeadh air falbh, feuch, buailidh mi do chrìochan uile le losgannan:


Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Eirich suas gu moch anns a’ mhadainn, agus seas an làthair Phàraoh, agus abair ris, Mar seo tha an Tighearna, Dia nan Eabhraidheach, ag ràdh, Leig lem shluagh imeachd, a‑chum is gun dèan iad seirbhis dhomh.


Feuch, bidh làmh an Tighearna air do sprèidh a tha anns a’ mhachair, air na h‑eich, air na h‑asail, air na càmhail, air a’ chrodh, agus air na caoraich: bidh plàigh ro‑mhòr ann.


Ach ma bhios sibh eas‐umhail agus ceannairceach, ithear suas sibh leis a’ chlaidheamh; oir labhair beul an Tighearna e.


Ach dhaibhsan a tha connspoideach, agus nach eil umhail don fhìrinn, ach a tha umhail don eucoir, diomb agus fearg;


Agus bha daoine air an losgadh le teas mòr, agus thug iad toibheum do ainm Dhè, aig a bheil cumhachd air na plàighean sin: agus cha do rinn iad aithreachas, a‑chum glòir a thoirt dhàsan.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan