Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 9:19 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

19 Uime sin a‑nis cuir fios uat, agus cruinnich do sprèidh, agus gach nì a tha agad anns a’ mhachair; oir air gach duine agus ainmhidh a gheibhear anns a’ mhachair, agus nach cruinnichear dhachaigh, thig a’ chlach‐mheallain a‑nuas, agus gheibh iad bàs.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

19 Uime sin a‑nis cuir fios uat, agus cruinnich do sprèidh, agus gach nì a tha agad anns a’ mhachair; oir air gach duine agus ainmhidh a gheibhear anns a’ mhachair, agus nach cruinnichear dhachaigh, thig a’ chlach-mheallain a‑nuas, agus gheibh iad bàs.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 9:19
5 Iomraidhean Croise  

Agus a thug e thairis am feudail don chloich‐mheallain, agus an treudan don tein‐adhair;


Agus bhuail a’ chlach‐mheallain air feadh tìr na h‑Èiphit uile gach nì a bha anns a’ mhachair, araon duine agus ainmhidh: agus bhuail a’ chlach‐mheallain uile luibh na machrach, agus bhris i uile chraobhan na machrach.


Agus rinn an Tighearna an nì sin air an là màireach, agus fhuair sprèidh na h‑Èiphit uile bàs: ach de sprèidh chloinn Israeil cha d’fhuair a h‑aon bàs.


Chuala e fuaim na trompaid, agus cha do ghabh e rabhadh, bidh a fhuil air fhèin: ach esan a ghabhas rabhadh tèarnaidh e a anam.


O Thighearna, chuala mi do chainnt; bha eagal orm: O Thighearna, ath‐bheothaich d’obair ann am meadhon nam bliadhnachan, ann am meadhon nam bliadhnachan dèan aithnichte; ann an corraich cuimhnich tròcair.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan