Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 9:18 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

18 Feuch, mun àm seo a‑màireach, bheir mise air cloich‐mheallain ro‑mhòir frasadh a‑nuas, nach robh a samhail anns an Èiphit on là anns an do leagadh a bunachar eadhon gus a‑nis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

18 Feuch, mun àm seo a‑màireach, bheir mise air cloich-mheallain ro‑mhòir frasadh a‑nuas, nach robh a samhail anns an Eiphit on là anns an do leagadh a bunachar eadhon gus a‑nis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 9:18
14 Iomraidhean Croise  

Agus chuir Iesebel teachdaire a dh’ionnsaigh Eliah, ag ràdh, Mar sin dèanadh na diathan riumsa, agus tuilleadh mar an ceudna, mura dèan mise mun àm seo a‑màireach d’anam‐sa mar anam aoin dhiùbhsan.


Gidheadh mun tràth seo a‑màireach cuiridh mi mo sheirbhisich ad ionnsaigh, agus rannsaichidh iad do thaigh, agus taighean do sheirbhiseach: agus tachraidh e, gach nì a tha taitneach dod shùilean gun cuir iad nan làimh, agus gun toir iad leo e.


An sin thubhairt Elisa, Eisdibh ri facal an Tighearna: Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Mun tràth seo a‑màireach reicear tomhas eòrna air secel ann an geata Shamaria.


Agus thachair e mar a labhair an duine le Dia ris an rìgh, ag ràdh, Bidh dà thomhas eòrna air secel, agus tomhas de mhin mhìn air secel, mun tràth seo a‑màireach ann an geata Shamaria:


Bheir e air teachd, mas ann a‑chum smachdachaidh, no airson a fhearainn, no airson tròcair.


An deachaidh tu a‑steach gu ionmhasan an t‑sneachda? No am faca tu ionmhasan na cloiche‐meallain,


A thaisg mise fa chomhair aimsir na teanntachd, fa chomhair là a’ chatha agus a’ chogaidh?


Mar sin dèan thusa tòrachd orra led dhoininn, agus led iomaghaoith cuir uamhann orra.


Agus chaidh na lòcaist suas thar tìr na h‑Èiphit uile, agus dh’fhan iad ann an crìochan na h‑Èiphit uile, gu ro‑dhiùbhalach; romhpa cha robh riamh an leithidean de lòcaist, agus nan dèidh cha bhi an leithidean.


Agus lìonaidh iad do thaighean, agus taighean do sheirbhiseach uile, agus taighean nan Èiphiteach uile; nì nach faca aon chuid d’athraichean, no athraichean d’athraichean, on là a bha iad air an talamh gus an là‑an‑diugh. Agus thill e e fhèin, agus chaidh e a‑mach o Phàraoh.


Agus bidh èigheach mhòr ann an tìr na h‑Èiphit uile, nach robh riamh a leithid ann, cha mhò a bhitheas a leithid ann tuilleadh.


A bheil thu fhathast gad àrdachadh fhèin an aghaidh mo shluaigh, air chor is nach leig thu leo imeachd?


Agus thàinig clachan‐meallain mòra a‑nuas o nèamh air daoine, gach clach cho trom ri tàlann: agus thug daoine toibheum do Dhia, airson plàigh nan clachan‐meallain; oir bha am plàigh ro‑mhòr.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan