Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 9:15 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

15 Oir a‑nis sìnidh mi a‑mach mo làmh, agus buailidh mi thu fhèin agus do shluagh le plàigh; agus gearrar as thu on talamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

15 Oir a‑nis sìnidh mi a‑mach mo làmh, agus buailidh mi thu fhèin agus do shluagh le plàigh; agus gearrar as thu on talamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 9:15
13 Iomraidhean Croise  

Agus cia an cinneach air thalamh cosmhail rid shluagh‐sa, cosmhail ri Israel, a chaidh Dia a shaoradh mar shluagh dha fhèin, agus a dhèanamh ainme dha fhèin, agus a dhèanamh air an son nithean mòra agus uamhasach, airson do thìre, am fianais do shluaigh a shaor thu dhut fhèin as an Eiphit, o na cinnich agus on diathan?


Agus bha an nì seo na pheacadh do thaigh Ierobòaim, agus a‑chum a ghearradh as, agus a‑chum a sgrios bhàrr aghaidh na talmhainn.


Ach an Tighearna, a thug a‑nìos sibh à tìr na h‑Eiphit le mòr chumhachd, agus le gàirdean sìnte a‑mach, a eagal‐san bidh oirbh, agus dhàsan lùbaidh sibh an glùn, agus dhàsan ìobraidh sibh.


Agus air an oidhche sin fhèin chaidh aingeal an Tighearna a‑mach, agus bhuail e ann an camp nan Asirianach, ceud agus ceithir‐fichead agus còig mìle: agus nuair a dh’èirich iad gu moch anns a’ mhadainn, feuch, bha iad uile nan cuirp mharbha.


Agus thill na h‑uisgeachan, agus dh’fhalaich iad na carbadan, agus am marc‐shluagh, agus armailt Phàraoh uile, a thàinig anns an fhairge nan dèidh: cha d’fhàgadh uiread is a h‑aon dhiubh.


Agus sìnidh mise a‑mach mo làmh, agus buailidh mi an Èiphit le m’iongantasan uile, a nì mi na meadhon: agus an dèidh sin leigidh e dhuibh imeachd.


Oir air an àm seo cuiridh mise mo phlàighean uile air do chridhe‐sa, agus air do sheirbhisich, agus air do shluagh; a‑chum is gum bi fhios agad nach eil neach ann cosmhail riumsa anns an talamh uile.


Agus gu deimhinn airson seo thog mi suas thu, a‑chum is gun nochdainn annad mo chumhachd, agus gum biodh m’ainm iomraiteach anns an domhan uile.


Feuch, bidh làmh an Tighearna air do sprèidh a tha anns a’ mhachair, air na h‑eich, air na h‑asail, air na càmhail, air a’ chrodh, agus air na caoraich: bidh plàigh ro‑mhòr ann.


Agus rinn an Tighearna an nì sin air an là màireach, agus fhuair sprèidh na h‑Èiphit uile bàs: ach de sprèidh chloinn Israeil cha d’fhuair a h‑aon bàs.


Ach gearrar na daoine aingidh bhàrr na talmhainn, agus spìonar luchd‐easaontais as.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan