Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 9:12 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

12 Agus chruadhaich an Tighearna cridhe Phàraoh, agus cha d’èisd e riu; mar a labhair an Tighearna ri Maois.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

12 Agus chruadhaich an Tighearna cridhe Phàraoh, agus cha d’èisd e riu; mar a labhair an Tighearna ri Maois.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 9:12
13 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Imich a‑steach gu Phàraoh; oir chruadhaich mi a chridhe, agus cridhe a sheirbhiseach, a‑chum gun nochdainn iad sin mo chomharraidhean na làthair:


Ach chruadhaich an Tighearna cridhe Phàraoh, agus cha do leig e air falbh clann Israeil.


Agus rinn Maois agus Aaron na h‑iongantasan sin uile ann am fianais Phàraoh: agus chruadhaich an Tighearna cridhe Phàraoh, agus cha do leig e le cloinn Israeil imeachd as a dhùthaich.


Agus chruadhaich an Tighearna cridhe Phàraoh rìgh na h‑Èiphit, agus lean e air tòir chloinn Israeil: agus chaidh clann Israeil a‑mach le làimh àird.


Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Nuair a dh’imicheas tu a‑chum tilleadh don Èiphit, thoir an aire gun dèan thu na h‑iongantasan sin uile, a chuir mise ann ad làimh, am fianais Phàraoh: ach cruadhaichidh mise a chridhe, agus cha leig e leis an t‑sluagh imeachd.


Agus chan èisd Phàraoh ribh, agus leagaidh mise mo làmh air an Èiphit, agus bheir mi a‑mach m’armailtean, agus mo shluagh, clann Israeil, à tìr na h‑Èiphit, le breitheanais mhòra.


Agus chuir Phàraoh teachdaire uaithe, agus, feuch, cha robh eadhon a h‑aon de sprèidh nan Israeleach marbh. Agus chruadhaicheadh cridhe Phàraoh, agus cha do leig e an sluagh air falbh.


Dhall e an sùilean, agus chruadhaich e an cridhe, a‑chum nach faiceadh iad len sùilean, agus nach tuigeadh iad len cridhe, agus nach tilleadh iad, agus gun slànaichinn‐sa iad.


Uime sin nì e tròcair air an tì as àill leis, agus an tì as àill leis cruadhaichidh e.


Oir b’ann on Tighearna a bha e an cridheachan a chruadhachadh a‑chum gun tigeadh iad an aghaidh Israeil ann an cath, a‑chum gun sgriosadh e iad gu tur, agus nach biodh iochd sam bith air a nochdadh dhaibh, ach gun cuireadh e as dhaibh, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan