Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 9:10 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

10 Agus ghabh iad luath an teallaich, agus sheas iad an làthair Phàraoh, agus chrath Maois i ri nèamh: agus rinneadh i na neasgaid a’ briseadh a‑mach na builg air duine, agus air ainmhidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

10 Agus ghabh iad luath an teallaich, agus sheas iad an làthair Phàraoh, agus chrath Maois i ri nèamh: agus rinneadh i na neasgaid a’ briseadh a‑mach na builg air duine, agus air ainmhidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 9:10
4 Iomraidhean Croise  

Agus cha b’urrainn na draoidhean seasamh an làthair Mhaois airson nan neasgaid; oir bha an neasgaid air na draoidhean, agus air na h‑Èiphitich uile.


Agus thubhairt an Tighearna ri Maois agus ri Aaron, Gabhaibh dhuibh fhèin làn ur glac de luaith an teallaich, agus crathadh Maois i ri nèamh ann an sealladh Phàraoh:


Agus bidh i na duslach mìn air feadh tìr na h‑Èiphit uile, agus bidh i na neasgaid a’ briseadh a‑mach na builg air duine, agus air ainmhidh, air feadh tìr na h‑Èiphit uile.


Buailidh an Tighearna thu le neasgaid na h‑Eiphit, agus le ruith fala, agus le càrr, agus le cloimh, de nach bi e an comas do leigheas.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan