Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 8:12 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

12 Agus chaidh Maois agus Aaron a‑mach o Phàraoh; agus dh’èigh Maois ris an Tighearna a‑thaobh nan losgann, a thug e an aghaidh Phàraoh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

12 Agus chaidh Maois agus Aaron a‑mach o Phàraoh; agus dh’èigh Maois ris an Tighearna a‑thaobh nan losgann, a thug e an aghaidh Phàraoh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 8:12
10 Iomraidhean Croise  

Labhair e, agus thàinig iomadh gnè chuileag agus mialan nan crìochan uile.


Agus chaidh e a‑mach o Phàraoh, agus ghuidh e air an Tighearna.


Agus ghuidh Maois air an Tighearna a Dhia, agus thubhairt e, Carson, a Thighearna, a tha do chorraich a’ lasadh an aghaidh do shluaigh, a thug thu a‑mach à tìr na h‑Èiphit le cumhachd mòr, agus le làimh thrèin?


Agus rinn an Tighearna a rèir facal Mhaois: agus bhàsaich na losgannan as na taighean, as na bailtean, agus as na machraichean.


Agus chaidh Maois a‑mach o Phàraoh, agus ghuidh e air an Tighearna.


An sin ghairm Phàraoh air Maois agus air Aaron, agus thubhairt e, Guidhibh air an Tighearna gun toir e air falbh na losgannan uam fhèin, agus om shluagh; agus leigidh mise leis an t‑sluagh imeachd, a‑chum is gun ìobair iad don Tighearna.


Agus chaidh Maois a‑mach o Phàraoh as a’ bhaile, agus shìn e a‑mach a làmhan a‑chum an Tighearna; agus sguir an tàirneanach agus a’ chlach‐mheallain, agus cha do dhòirteadh an t‑uisge air an talamh.


Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Bidh mise fhathast air m’iarraidh anns an nì seo le taigh Israeil, a‑chum a dhèanamh air an son; nì mi lìonmhor iad le daoine mar threud.


Ach air mo shon‐sa, nar leigeadh Dia gum peacaichinn an aghaidh an Tighearna, le sgur de dhèanamh ùrnaigh air ur son: ach teagaisgidh mi dhuibh an t‑slighe mhath agus cheart.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan