Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 7:11 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

11 An sin ghairm Phàraoh mar an ceudna air na daoine glice, agus air an luchd‐fiosachd: agus rinn mar an ceudna draoidhean na h‑Èiphit mar sin len draoigheachdan:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

11 An sin ghairm Phàraoh mar an ceudna air na daoine glice, agus air an luchd-fiosachd: agus rinn mar an ceudna draoidhean na h‑Eiphit mar sin len draoidheachdan:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 7:11
25 Iomraidhean Croise  

Agus anns a’ mhadainn bha a spiorad air a bhuaireadh; agus chuir e fios uaithe, agus ghairm e uile dhraoidhean na h‑Èiphit, agus a daoine glice uile: agus dh’innis Phàraoh a aislingean dhaibh; ach cha robh neach ann a dh’eadar‐mhìnicheadh iad do Phàraoh.


Oir thilg iad sìos gach duine a shlat, agus rinneadh iad nan nathraichean: ach shluig slat Aaroin suas an slatan‐san.


Agus rinn draoidhean na h‑Èiphit mar sin len draoidheachdan: agus chruadhaicheadh cridhe Phàraoh, agus cha d’èisd e riu, mar a thubhairt an Tighearna.


Agus rinn na draoidhean mar sin len draoidheachdan a thoirt a‑mach mhial, ach cha b’urrainn iad; agus bha mialan air duine agus air ainmhidh.


Agus brùchdaidh an abhainn a‑mach losgannan, agus thèid iad suas, agus thig iad a‑steach dod thaigh, agus dod sheòmar‐leapa, agus air uachdar do leapa, agus do thaigh do sheirbhiseach, agus air do shluagh, agus dod àmhainnean, agus dod amair‐fhuinidh.


Agus rinn na draoidhean mar sin len draoidheachdan, agus thug iad suas losgannan air talamh na h‑Èiphit.


An sin dh’àithn an rìgh na draoidhean, agus na speuradairean, agus an luchd‐fiosachd, agus na Caldèanaich, a ghairm, a dh’fheuchainn don rìgh a bhruadair: mar sin thàinig iad, agus sheas iad an làthair an rìgh.


Fhreagair Daniel ann am fianais an rìgh, agus thubhairt e, An diamhaireachd a dh’iarr an rìgh chan urrainn na daoine glice, na speuradairean, na draoidhean, no an luchd‐fiosachd fheuchainn don rìgh;


Uime sin thug mi teann‐òrdagh uile dhaoine glice Bhàbiloin a thoirt a‑steach am fhianais, a‑chum gun tugadh iad fios dhomh air brìgh a’ bhruadair.


Tha duine ann ad rìoghachd anns a bheil spiorad nan diathan naomha, agus ann an làithean d’athar, bha solas, agus tuigse, agus gliocas, mar ghliocas nan diathan, air am faotainn ann; neach a rinn an rìgh Nebuchadnesar d’athair, d’athair‐sa, O rìgh, na uachdaran air na draoidhean, na speuradairean, na Caldèanaich, agus na fiosaichean;


Ghlaodh an rìgh gu h‑àrd na speuradairean, na Caldèanaich, agus na fiosaichean, a thoirt a‑steach: agus labhair an rìgh, agus thubhairt e ri daoine glice Bhàbiloin, Cò air bith a leughas an sgrìobhadh seo, agus a dh’fhoillsicheas dhòmhsa a bhrìgh, sgeadaichear e le sgàrlaid, agus cuirear slabhraidh òir ma mhuineal, agus is e an treas fear‐riaghlaidh a bhios anns an rìoghachd.


Oir èiridh Crìosdan brèige agus fàidhean brèige, agus nì iad comharraidhean agus mìorbhailean mòra, ionnas gum mealladh iad, nam faodadh e a bhith, na daoine taghte fhèin.


O Ghalàtianacha amaideach, cò a chuir draoidheachd oirbh, ionnas nach biodh sibh umhail don fhìrinn, don robh Crìosd air a nochdadh gu soilleir fa chomhair ur sùl, air a cheusadh nur measg?


A‑chum is nach bi sinn à seo suas nar leanaban, air ar tonn‐luasgadh, agus air ar giùlan mun cuairt leis gach uile ghaoith teagaisg, le cleasachd dhaoine, agus seòltachd cealgach, leis a bheil iad gu h‑innleachdach ri feall‐fhalach a‑chum meallaidh:


Eadhon esan, aig a bheil a theachd a rèir obrachadh Shàtain, maille ris an uile chumhachd, agus chomharraidhean, agus iongantasan breugach,


Agus mar a chuir Iannes agus Iambres an aghaidh Mhaois, mar sin tha iadsan a’ cur an aghaidh na fìrinn: daoine aig a bheil inntinn thruaillidh, gun tuigse a‑thaobh a’ chreidimh.


Ach cha tèid iad nas fhaide air an aghaidh: oir bidh am mì‑chiall follaiseach do na h‑uile dhaoine, mar a bha am mì‑chiall‐san mar an ceudna.


Agus ghlacadh am fiadh‐bheathach, agus maille ris‐san am fàidh‐brèige a rinn mìorbhailean na làthair, leis an do mheall e an dream a ghabh orra comharradh an fhiadh‐bheathaich, agus iadsan a rinn adhradh da ìomhaigh. Thilgeadh iad sin nan dithis beò ann an loch teine a’ dearg‐lasadh le pronnasg.


Agus ghairm na Philistich air na sagartan agus air na fiosaichean, ag ràdh, Ciod a nì sinn ri àirc an Tighearna? Thugaibh fios dhuinn cionnas a chuireas sinn air falbh i da h‑àite fhèin.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan