Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 6:16 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

16 Agus is iad seo ainmean mic Lèbhi, a rèir an ginealaichean: Gerson, agus Cohat, agus Merari: agus b’iad bliadhnachan beatha Lèbhi ceud agus seachd‐bliadhna‑deug ar fhichead.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

16 Agus is iad seo ainmean mic Lèbhi, a rèir an ginealaichean: Gerson, agus Cohat, agus Merari: agus b’iad bliadhnachan beatha Lèbhi ceud agus seachd-bliadhna-deug ar fhichead.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 6:16
22 Iomraidhean Croise  

Agus b’iad làithean Isaaic ceud bliadhna is ceithir‐fichead.


Agus mic Lèbhi: Gerson, Cohat, agus Merari.


Agus mic Reubein; Hanoch, agus Phallu, agus Hesron, agus Carmi.


Agus bha Iàcob beò ann an tìr na h‑Èiphit seachd‐bliadhna‑deug: agus b’iad bliadhnachan beatha Iàcoib uile ceud agus dà‑fhichead agus seachd bliadhna.


Agus fhuair Iòseph bàs, agus e ceud agus deich bliadhna a dh’aois: agus chuir iad spìosraidh air, agus chuireadh ann an ciste‐mhairbh e anns an Èiphit.


Agus roinn Daibhidh iad nan roinnean eadar mic Lèbhi, eadhon Gerson, Cohat, agus Merari.


Mic Lèbhi: Gerson, Cohat, agus Merari.


Mic Lèbhi: Gersom, Cohat, agus Merari.


An sin dh’èirich na Lèbhithich, Mahat mac Amasai, agus Ioel mac Asariah, de mhic nan Cohatach; agus de mhic Mherari, Cis mac Abdi, agus Asariah mac Iehaleleil: agus de na Gersonaich, Ioah mac Shimah, agus Eden mac Ioah:


Agus chaidh duine de thaigh Lèbhi, agus ghabh e nighean de Lèbhi na mnaoi.


Agus mic Chohait: Amram, agus Idshar, agus Hebron, agus Udsiel: agus b’iad bliadhnachan beatha Chohait ceud agus trì‐bliadhna‑deug ar fhichead.


Agus ghabh Amram Iochebed, piuthar a athar, dha fhèin na mnaoi, agus rug i dha Aaron agus Maois: agus b’iad bliadhnachan beatha Amraim ceud agus seachd‐bliadhna‑deug ar fhichead.


Agus ghabh Corah mac Idsair, mhic Chohait, mhic Lèbhi, agus Datan agus Abiram mic Eliaib, agus On mac Pheleit, mic Reubein, daoine:


Agus is iad seo iadsan a dh’àirmheadh de na Lèbhithich, a rèir an teaghlaichean: o Gherson, teaghlach nan Gersonach: o Chohat, teaghlach nan Cohatach: o Mherari, teaghlach nam Meraritheach.


Agus b’iad seo mic Lèbhi a rèir an ainmean: Gerson, agus Cohat, agus Merari.


Agus is iad seo ainmean mic Ghersoin a rèir an teaghlaichean: Libni agus Simei.


Agus mic Chohait a rèir an teaghlaichean: Amram, agus Idsar, Hebron, agus Udsiel.


Agus mic Mherari a rèir an teaghlaichean: Mahli, agus Musi: is iad sin teaghlaichean nan Lèbhitheach, a rèir taighean an athraichean.


O Gherson bha teaghlach Libni, agus teaghlach Shimei: is iad sin teaghlaichean nan Gersonach.


Agus thàinig an crannchur a‑mach airson teaghlaichean nan Cohatach; agus bha aig cloinn Aaroin, an sagart, a bha de na Lèbhitich, le crannchur à treubh Iùdah, agus à treubh Shimeoin, agus à treubh Bheniàmin, trì‐bailtean‐deug.


Agus bha aig cloinn Ghersoin le crannchur, à teaghlaichean treubh Isachair, agus à treubh Aseir, agus à treubh Naphtali, agus à leth‐threubh Mhanaseh ann am Basan, trì‐bailtean‐deug.


De threubh Shimeoin sheulaicheadh dà‑mhìle‐dheug. De threubh Lèbhi sheulaicheadh dà‑mhìle‐dheug. De threubh Isachair sheulaicheadh dà‑mhìle‐dheug.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan