Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 5:8 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

8 Agus cuiridh sibh orra àireamh nan clachan‐creadha a rinn iad roimhe: cha leig sibh sìos a’ bheag dheth, oir tha iad dìomhanach; uime sin tha iad ag èigheach, ag ràdh, Rachamaid agus ìobramaid dar Dia.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

8 Agus cuiridh sibh orra àireamh nan clachan-creadha a rinn iad roimhe: cha leig sibh sìos a’ bheag dheth, oir tha iad dìomhanach; uime sin tha iad ag èigheach, ag ràdh, Rachamaid agus ìobramaid dar Dia.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 5:8
6 Iomraidhean Croise  

Agus thug e suas iad do làimh nan cinneach, agus bha iadsan a dh’fhuathaich iad nan uachdarain os an cionn.


Uime sin chuir iad maighistirean‐obrach orra, a‑chum an sàrachadh len eallaichean. Agus thog iad bailtean‐ionmhais do Phàraoh, Pitom agus Rameses.


Ach thubhairt esan, Tha sibh dìomhanach, tha sibh dìomhanach: uime sin their sibh, Rachamaid agus ìobramaid don Tighearna.


Agus chunnaic luchd‐riaghlaidh chloinn Israeil gum bu chruaidh an càs anns an robh iad, agus e air a ràdh riu, Cha bheagaich sibh dad de ur clachan‐creadha, den obair dhligheach làitheil.


Cha toir sibh connlach tuilleadh don t‑sluagh a dhèanamh chlachan‐creadha mar roimhe seo: rachadh iad agus cruinnicheadh iad connlach dhaibh fhèin.


Cuirear an obair nas truime air na daoine, a‑chum is gun saothraich iad innte: agus na earbadh iad à briathran dìomhain.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan