Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 4:10 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

10 Agus thubhairt Maois ris an Tighearna, O mo Thighearna, cha duine deas‐chainnteach mi, aon chuid roimhe seo, no on àm anns an do labhair thusa rid sheirbhiseach: do bhrìgh gu bheil mi mall ann an cainnt, agus mall ann an teangaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

10 Agus thubhairt Maois ris an Tighearna, O mo Thighearna, cha duine deas-chainnteach mi, aon chuid roimhe seo, no on àm anns an do labhair thusa rid sheirbhiseach: do bhrìgh gu bheil mi mall ann an cainnt, agus mall ann an teangaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 4:10
11 Iomraidhean Croise  

Chan eil teagamh nach sibhse an sluagh, agus maille ribhse bàsaichidh gliocas!


Agus thubhairt Maois ri Dia, Cò mise, gun rachainn a dh’ionnsaigh Phàraoh, agus gun tugainn a‑mach clann Israeil as an Èiphit?


Agus fhreagair Maois, agus thubhairt e, Ach, feuch, cha chreid iad mi, cha mhò a dh’èisdeas iad rim ghuth: oir their iad, Cha do thaisbein an Tighearna e fhèin dhut.


Agus labhair Maois an làthair an Tighearna, ag ràdh, Feuch, cha d’èisd clann Israeil rium; cionnas matà a dh’èisdeas Phàraoh riumsa, aig a bheil mo bhilean neo‐thimcheall‐gheàrrte?


Agus thubhairt Maois an làthair an Tighearna, Feuch, tha mise neo‐thimcheall‐gheàrrte am bhilean, agus cionnas a dh’èisdeas Phàraoh rium?


An sin thubhairt mise, Och! a Thighearna Iehòbhah, feuch, chan aithne dhòmhsa labhairt, oir is leanabh mi.


Oir thug mi a‑nìos thu à tìr na h‑Eiphit; agus à taigh nan tràillean shaor mi thu; agus chuir mi romhad Maois, Aaron, agus Miriam.


Agus dh’fhòghlaimeadh Maois ann an uile ghliocas nan Èiphiteach, agus bha e cumhachdach ann am briathran agus ann an gnìomharan.


Oir tha a litrichean (tha iadsan ag ràdh) cudthromach agus làidir, ach tha an làthaireachd chorporra anfhann, agus a chainnt tàireil.


Ach ged tha mi neo‐fhòghlaimte ann an cainnt, gidheadh chan eil mi mar sin ann an eòlas; ach rinneadh sinn làn‐fhollaiseach anns na h‑uile nithean nur measg‐se.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan