Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 27:1 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 Agus nì thu altair de fhiodh sitim; còig làmhan‐coille air fad, agus còig làmhan‐coille air leud; bidh an altair ceithir‐cheàrnach, agus a h‑àirde trì làmhan‐coille.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus nì thu altair de fhiodh sitim; còig làmhan-coille air fad, agus còig làmhan-coille air leud; bidh an altair ceithir-cheàrnach, agus a h‑àirde trì làmhan-coille.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 27:1
20 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig Gad a dh’ionnsaigh Dhaibhidh air an là sin, agus thubhairt e ris, Gabh suas, tog altair don Tighearna, ann an ùrlar‐bualaidh Araunah an t‑Iebusach.


Agus thug e mar an ceudna an altair umha, a bha ann am fianais an Tighearna, o bheulaibh an taighe, o eadar an altair agus taigh an Tighearna, agus chuir e i air taobh tuath na h‑altarach.


Ach thug Aaron agus a mhic suas tabhartasan air altair na h‑ìobairt‐loisgte, agus air altair na tùise; agus dh’òrdaicheadh iad a‑chum uile obair an ionaid ro‑naoimh, agus a‑chum rèite a dhèanamh airson Israeil, a rèir gach nì a dh’àithn Maois, òglach Dhè.


Agus rinn e altair umha: fichead làmh‐choille a fad, agus fichead làmh‐choille a leud, agus deich làmhan‐coille a h‑àirde.


Agus sheas Iesua mac Iosadaic suas, agus a bhràithrean, na sagartan, agus Serubabel mac Shealtieil, agus a bhràithrean, agus thog iad altair Dia Israeil, a dh’ìobradh ìobairtean‐loisgte oirre, mar a tha e sgrìobhte ann an lagh Mhaois, òglach Dhè.


Agus thog Maois altair, agus thug e Iehòbhah‐Nisi mar ainm oirre;


Agus sgrìobh Maois briathran an Tighearna uile, agus dh’èirich e gu moch anns a’ mhadainn, agus thog e altair fon t‑sliabh, agus dà‑charragh‐dheug a rèir dà‑threubh‐dheug Israeil.


Agus altair na h‑ìobairt‐loisgte le a h‑uidheam uile, agus an soitheach‐ionnlaid agus a chas,


Altair na h‑ìobairt‐loisgte agus a cliath umha, a bataichean, agus a soithichean uile, an soitheach‐ionnlaid agus a chas;


An altair umha, agus a cliath umha, a bataichean, agus a soithichean uile, an soitheach‐ionnlaid agus a chas;


Agus ungaidh tu altair na h‑ìobairt‐loisgte, agus a soithichean uile: agus bidh an altair ro‑naomh.


Agus chuir e altair na h‑ìobairt‐loisgte làimh ri doras pàillean bùth a’ choitheanail, agus thug e suas oirre an ìobairt‐loisgte, agus an tabhartas‐bìdh, mar a dh’àithn an Tighearna do Mhaois.


Agus suidhichidh tu altair na h‑ìobairt‐loisgte fa chomhair doras pàillean bùth a’ choitheanail.


Agus air an cùram‐san bidh an àirc, agus am bòrd, agus an coinnleir, agus na h‑altairean, agus soithichean an ionaid naoimh, leis am fritheil iad, agus am brat, agus a sheirbhis uile.


Agus bheir iad air falbh an luath on altair, agus sgaoilidh iad aodach corcair oirre;


Agus cuiridh iad oirre a soithichean uile, leis am fritheil iad ma timcheall, eadhon na tùiseirean, na greimichean‐feòla, agus na sluasaidean, agus na cuachan, soithichean na h‑altarach uile; agus sgaoilidh iad oirre còmhdach de chraicnean bhroc, agus cuiridh iad rithe a bataichean.


Tha altair againne, de nach eil còir acasan a’ bheag ithe, a tha a’ dèanamh seirbhis don phàillean.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan