Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 2:3 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Agus nuair nach b’urrainn i a fhalach na b’fhaide, ghabh i dha cobhan cuilce, agus chuir i thairis e le làthaich agus le pic, agus chuir i an leanabh ann; agus chuir i e anns a’ chuilc aig bruaich na h‑aibhne.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Agus nuair nach b’urrainn i a fhalach na b’fhaide, ghabh i dha cobhan cuilce, agus chuir i thairis e le làthaich agus le pic, agus chuir i an leanabh ann; agus chuir i e anns a’ chuilc aig bruaich na h‑aibhne.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 2:3
10 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt iad gach aon ri chèile, Thigibh, dèanamaid clachan‐creadha, agus làn‐loisgeamaid iad. Agus bha a’ chlach‐chreadha aca airson cloiche, agus bha làthach aca airson aoil.


Agus bha gleann Shidim làn de shluic làthaich; agus theich rìgh Shòdoim agus rìgh Ghomorrah, agus thuit iad an sin; agus iadsan a mhair, theich iad don t‑sliabh.


Dèan dhut fhèin àirc de fhiodh gopheir; seòmraichean nì thu anns an àirc, agus còmhdaichidh tu i a‑staigh agus a‑muigh le pic.


Agus thug Phàraoh àithne da shluagh uile, ag ràdh, Gach mac a bheirear, tilgidh sibh anns an abhainn; agus gach nighean gleidhidh sibh beò.


A tha a’ cur theachdairean air an fhairge, agus ann an eathraichean cuilce air aghaidh nan uisgeachan, ag ràdh, Imichibh, a theachdairean luatha, gu cinneach air a sgaoileadh a‑mach agus air a lomadh; gu sluagh uamhasach on toiseach gu ruige seo; gu cinneach air a thomhas a‑mach leis an t‑sreing, agus air a shaltairt sìos; aig a bheil a fhearann air a chreachadh leis an h‑aibhnichean.


Agus tionndaidhidh iad na h‑aibhnichean fad a lethtaobh, agus bidh na sruthan‐dìonaidh air an dèanamh falamh agus tioram; seargaidh a’ chuilc agus an luachair.


Agus fàsaidh am fearann tioram na linne, agus am fearann tartmhor na thobraichean uisge: ann an àite‐còmhnaidh nan dràgon, agus nan leabaidh, bidh feur, leis a’ chuilc agus an luachair.


Agus nuair a dh’imich iad air an ais, feuch, nochdadh aingeal an Tighearna do Iòseph ann am bruadar, ag ràdh, Èirich, agus gabh an naoidhean agus a mhàthair, agus teich don Èiphit, agus bi an sin gus an labhair mise riut: oir iarraidh Herod an naoidhean ga mhilleadh.


An sin nuair a chunnaic Herod gun do rinn na draoidhean fanaid air, las e le feirg ro‑mhòir, agus chuir e luchd‐millidh uaithe agus mharbh e na bha de leanaban‐mac ann am Betlehem, agus anns na crìochan uile, o aois dhà bhliadhna agus fodha, a rèir na h‑aimsir a dh’fhòghlaim e gu dìcheallach o na draoidhean.


Bhuin esan gu cuilbheirteach ri ar cinneach, agus rinn e olc air ar n‑athraichean, air chor is gun tug e orra an naoidheanan a thilgeadh a‑mach a‑chum nach sìolaicheadh iad.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan