Ecsodus 19:9 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19929 Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Feuch, thig mise ad ionnsaigh ann an neul tiugh, a‑chum gun cluinn an sluagh nuair a labhras mi riut, agus mar an ceudna gun creid iad thu gu sìorraidh. Agus dh’innis Maois briathran an t‑sluaigh don Tighearna. Faic an caibideilAm Bìoball Gàidhlig 19929 Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Feuch, thig mise ad ionnsaigh ann an neul tiugh, a‑chum gun cluinn an sluagh nuair a labhras mi riut, agus mar an ceudna gun creid iad thu gu sìorraidh. Agus dh’innis Maois briathran an t‑sluaigh don Tighearna. Faic an caibideil |
Agus dh’èirich iad gu moch anns a’ mhadainn, agus chaidh iad a‑mach gu fàsach Thecòa: agus nuair a bha iad a’ dol a‑mach, sheas Iehosaphat agus thubhairt e, Eisdibh riumsa, a Iùdah, agus a luchd‐àiteachaidh Ierusaleim: Creidibh anns an Tighearna ur Dia, agus daingnichear sibh; creidibh a fhàidhean, agus soirbhichidh sibh.
Gu h‑àraidh an là a sheas thu an làthair an Tighearna do Dhia ann an Hòreb, nuair a thubhairt an Tighearna riumsa, Tionail thugam an sluagh ri chèile, agus bheir mi orra mo bhriathran a chluinntinn, a‑chum gum fòghlaim iad eagal a ghabhail romham rè nan uile làithean a bhios iad beò air an talamh, agus gun teagaisg iad an clann.