Ecsodus 19:5 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19925 A‑nis matà, ma dh’èisdeas sibh da‑rìribh rim ghuth, agus ma ghleidheas sibh mo choicheangal, an sin bidh sibh dhòmhsa nur n‑ionmhas sònraichte os cionn nan uile shluagh: oir is leamsa an talamh uile. Faic an caibideilAm Bìoball Gàidhlig 19925 A‑nis matà, ma dh’èisdeas sibh da‑rìribh rim ghuth, agus ma ghleidheas sibh mo choicheangal, an sin bidh sibh dhòmhsa nur n‑ionmhas sònraichte os cionn nan uile shluagh: oir is leamsa an talamh uile. Faic an caibideil |
Agus thubhairt e, Ma dh’èisdeas tu gu dùrachdach ri guth an Tighearna do Dhia, agus ma nì thu an nì sin a tha ceart na shealladh, agus ma bheir thu an aire da àitheantan, agus ma ghleidheas tu a reachdan uile, aon de na h‑eucailean a chuir mi air na h‑Èiphitich cha chuir mi ortsa; oir is mise an Tighearna a shlànaicheas thu.
Agus nuair a ghabh mise seachad dlùth dhut, agus a dh’amhairc mi ort, feuch, bha d’aimsir na h‑aimsir ghràidh, agus sgaoil mise mo sgioball os do chionn, agus dh’fhalaich mi do lomnochdaidh: seadh mhionnaich mi dhut, agus thionnsgain mi ann an coicheangal riut, deir an Tighearna Dia, agus bu leamsa thu.