Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 19:17 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

17 Agus thug Maois an sluagh a‑mach as a’ champ an coinneamh Dhè, agus sheas iad aig ìochdar an t‑slèibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

17 Agus thug Maois an sluagh a‑mach as a’ champ an coinneamh Dhè, agus sheas iad aig ìochdar an t‑slèibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 19:17
8 Iomraidhean Croise  

Cha bhean làmh ris; oir gu deimhinn clachar e, no sàthar sleagh troimhe: mas ainmhidh no duine e, cha mhair e beò. Nuair a shèideas an trompaid rè ùine fhada, thig iadsan a‑nìos don t‑sliabh.


Agus nuair a thàinig an treas là, anns a’ mhadainn bha tàirneanaich agus dealanaich ann, agus neul tiugh air an t‑sliabh, agus fuaim na trompaid ro‑àrd: agus chriothnaich an sluagh uile a bha anns a’ champ.


Agus bha sliabh Shinài uile fo dheataich, do bhrìgh gun tàinig an Tighearna a‑nuas air ann an teine, agus dh’èirich a dheatach suas mar dheataich àmhainn, agus chriothnaich an sliabh uile gu mòr.


Agus thug iad an nì sin a dh’àithn Maois gu beulaibh pàillean a’ choitheanail: agus thàinig an coitheanal uile am fagas, agus sheas iad an làthair an Tighearna.


Seo esan a bha anns an eaglais anns an fhàsach, maille ris an aingeal a labhair ris ann am beinn Shina, agus maille ri ar n‑athraichean‐ne: neach a fhuair briathran na beatha a‑chum an toirt dhuinne:


Gu h‑àraidh an là a sheas thu an làthair an Tighearna do Dhia ann an Hòreb, nuair a thubhairt an Tighearna riumsa, Tionail thugam an sluagh ri chèile, agus bheir mi orra mo bhriathran a chluinntinn, a‑chum gum fòghlaim iad eagal a ghabhail romham rè nan uile làithean a bhios iad beò air an talamh, agus gun teagaisg iad an clann.


Agus thàinig sibh an fagas, agus sheas sibh fon t‑sliabh; agus bha an sliabh a’ losgadh le teine gu meadhon nèimh, maille ri duibhre, neòil, agus dubh‐dhorchadas.


(Sheas mise eadar an Tighearna agus sibhse anns an àm sin, a nochdadh dhuibh facal an Tighearna: oir bha eagal oirbh ron teine, agus cha deachaidh sibh suas don t‑sliabh), ag ràdh,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan