Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 19:1 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 Anns an treas mìos an dèidh do chloinn Israeil teachd a‑mach à tìr na h‑Èiphit, anns an là sin fhèin thàinig iad gu fàsach Shinài.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Anns an treas mìos an dèidh do chloinn Israeil teachd a‑mach à tìr na h‑Eiphit, anns an là sin fhèin thàinig iad gu fàsach Shinài.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 19:1
16 Iomraidhean Croise  

Bidh am mìos seo dhuibh na thoiseach nam mìos: bidh e dhuibh na chiad mhìos na bliadhna.


Agus, air an là sin fhèin, thug an Tighearna a‑mach clann Israeil à tìr na h‑Èiphit, a rèir an slògh.


Agus gleidhidh sibh a‑staigh e, gu ruig an ceathramh‐là‑deug den mhìos seo; agus marbhaidh co‑chruinneachadh iomlan chloinn Israeil e anns an fheasgar.


Agus dh’fhalbh iad o Elim, agus thàinig coitheanal chloinn Israeil uile gu fàsach Shin a tha eadar Elim agus Sinài, air a’ chòigeamh‐là‑deug den dara mìos an dèidh dhaibh teachd a‑mach à tìr na h‑Èiphit.


Agus thubhairt e, Bidh mise gu cinnteach leat; agus bidh seo na chomharradh dhut, gun do chuir mise uam thu: nuair a bheir thu a‑mach an sluagh as an Èiphit, nì sibh adhradh do Dhia air an t‑sliabh seo.


Air a’ chiad là den chiad mhìos cuiridh tu suas pàillean bùth a’ choitheanail.


Air an adhbhar sin thug mi orra dol a‑mach à tìr na h‑Eiphit, agus thug mi iad a‑chum an fhàsaich:


Agus labhair an Tighearna ri Maois ann am fàsach Shinài, ann am pàillean a’ choitheanail, air a’ chiad là den dara mìos, anns an dara bliadhna an dèidh dhaibh teachd a‑mach à tìr na h‑Eiphit, ag ràdh,


Agus ghabh clann Israeil an turasan à fàsach Shinài; agus stad an neul ann am fàsach Phàrain.


Agus labhair an Tighearna ri Maois ann am fàsach Shinài, ag ràdh,


Agus dh’imich iad o Rephidim, agus champaich iad ann am fàsach Shinài.


Labhair an Tighearna ar Dia rinn ann an Hòreb, ag ràdh, Ghabh sibh còmhnaidh fada gu leòr anns an t‑sliabh seo:


Gu h‑àraidh an là a sheas thu an làthair an Tighearna do Dhia ann an Hòreb, nuair a thubhairt an Tighearna riumsa, Tionail thugam an sluagh ri chèile, agus bheir mi orra mo bhriathran a chluinntinn, a‑chum gum fòghlaim iad eagal a ghabhail romham rè nan uile làithean a bhios iad beò air an talamh, agus gun teagaisg iad an clann.


Thugaibh uime sin an aire mhath dhuibh fhèin (oir chan fhaca sibh gnè coslais sam bith anns an là air an do labhair an Tighearna ribh ann an Hòreb, à meadhon an teine),


Rinn an Tighearna ar Dia coicheangal rinn ann an Hòreb.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan