Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 15:9 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

9 Thubhairt an nàmhaid, Leanaidh mi, beiridh mi orra, roinnidh mi a’ chreach: sàsaichear mo mhiann orra; rùisgidh mi mo chlaidheamh, sgriosaidh mo làmh iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

9 Thubhairt an nàmhaid, Leanaidh mi, beiridh mi orra, roinnidh mi a’ chreach: sàsaichear mo mhiann orra; rùisgidh mi mo chlaidheamh, sgriosaidh mo làmh iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 15:9
15 Iomraidhean Croise  

Nì Beniàmin fiadhach mar mhadadh‐allaidh: anns a’ mhadainn ithidh e a’ chobhartach, agus anns an fheasgar roinnidh e a’ chreach.


Lean mi mo naimhdean, agus rug mi orra; agus cha do thill mi air m’ais gus an do chuir mi as dhaibh.


Agus chuir Iesebel teachdaire a dh’ionnsaigh Eliah, ag ràdh, Mar sin dèanadh na diathan riumsa, agus tuilleadh mar an ceudna, mura dèan mise mun àm seo a‑màireach d’anam‐sa mar anam aoin dhiùbhsan.


Agus chuir Ben‐hadad fios da ionnsaigh, agus thubhairt e, Mar sin dèanadh na diathan riumsa, agus tuilleadh mar an ceudna, mas leòr duslach Shamaria gu làn an dòrn don t‑sluagh uile a tha gam leantainn‐sa.


Agus dh’innseadh do rìgh na h‑Èiphit gun do theich an sluagh: agus thionndaidh cridhe Phàraoh agus a sheirbhiseach an aghaidh an t‑sluaigh, agus thubhairt iad, Ciod e seo a rinn sinn, gun do leig sinn le Israel imeachd as ar seirbhis?


Is fheàrr a bhith de spiorad iriosal maille riùsan a tha ciùin, na a’ chreach a roinn maille ris na h‑uaibhrich.


Cò am measg uile dhiathan nan dùthchannan seo a theasairg an tìr fhèin as mo làimh‐sa, gun teasairgeadh an Tighearna Ierusalem as mo làimh?


Air an adhbhar sin, roinnidh mi dha cuibhreann maille ris a’ mhòran, agus roinnidh e a’ chreach maille ris na cumhachdaich; a chionn gun do dhòirt e a‑mach a anam gu bàs; agus gu robh e air àireamh am measg nan ciontach; agus ghiùlain e peacadh mhòrain, agus rinn e eadar‐ghuidhe airson nan ciontach.


Dh’èigh iad an sin, O Phàraoh, a rìgh na h‑Eiphit, chuir ioma‑luasgadh bacadh air a’ choinneamh a shuidhicheadh.


Bhuail thu led shlait ceann a bhailtean. Ruith iad a‑mach mar chuairt‐ghaoith gu ar sgapadh; bha an gàirdeachas mar gun sluigeadh iad am bochd gu h‑uaigneach.


Ach nuair a thig duine as treasa na e, agus a bheir e buaidh air, bheir e uaithe a armachd uile anns an robh a dhòigh, agus roinnidh e a’ chreach.


Nach d’fhuair iad, nach eil iad a’ roinn na creiche? Maighdeann no dhà do gach fear? Creach iomadh‐dathach do Shisera, creach iomadh‐dathach de obair snàthaide, iomadh‐dathach de obair snàthaide air gach taobh, airson muinealan na muinntir sin a ghlacas a’ chreach?


Agus dh’fhiosraich Daibhidh den Tighearna, ag ràdh, An tèid mi air tòir na buidhne seo? Am beir mi orra? Agus fhreagair esan e, Falbh air an tòir; oir gu cinnteach beiridh tu orra, agus saoraidh tu an t‑iomlan.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan