Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 15:27 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

27 Agus thàinig iad gu Elim far an robh dà‑thobar‐dheug uisge, agus deich agus trì‐fichead crann pailme; agus champaich iad an sin làimh ris na h‑uisgeachan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

27 Agus thàinig iad gu Elim far an robh dà‑thobar-dheug uisge, agus deich agus trì-fichead crann pailme; agus champaich iad an sin làimh ris na h‑uisgeachan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 15:27
7 Iomraidhean Croise  

Ann an cluainean glasa bheir e orm laighe sìos; làimh ri uisgeachan ciùine treòraichidh e mi.


Agus dh’fhalbh iad o Elim, agus thàinig coitheanal chloinn Israeil uile gu fàsach Shin a tha eadar Elim agus Sinài, air a’ chòigeamh‐là‑deug den dara mìos an dèidh dhaibh teachd a‑mach à tìr na h‑Èiphit.


An sin tàirngidh sibh uisge le aoibhneas à tobraichean na slàinte.


Agus air taobh na h‑aibhne, air a bruaich, air an taobh seo, agus air an taobh eile, fàsaidh na h‑uile chraobhan airson bìdh, aig nach bi an duilleach air seargadh, no an toradh air a chaitheamh: bheir e a‑mach toradh nuadh a rèir a mhìosan, do bhrìgh gun do shruth uisgeachan a‑mach on ionad naomh; agus bidh a thoradh airson bìdh, agus a dhuilleach airson leighis.


Agus dh’imich iad o Mhàrah, agus thàinig iad gu Elim: agus ann an Elim bha dà‑thobar‐dheug uisge, agus deich agus trì‐fichead craobh phailme: agus champaich iad an sin.


Ann am meadhon sràid na cathrach, agus air gach taobh den abhainn, bha craobh na beatha, a’ giùlan dà‑thoradh‐dheug, agus a’ toirt a toraidh uaipe gach uile mhìos; agus bha duilleach na craoibhe a‑chum leigheas nan cinneach.


Oir beathaichidh an t‑Uan a tha am meadhon na rìgh‐chathrach iad, agus treòraichidh e iad gu beò‐thobraichean uisge: agus tiormaichidh Dia gach deur on sùilean.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan