Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 14:5 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

5 Agus dh’innseadh do rìgh na h‑Èiphit gun do theich an sluagh: agus thionndaidh cridhe Phàraoh agus a sheirbhiseach an aghaidh an t‑sluaigh, agus thubhairt iad, Ciod e seo a rinn sinn, gun do leig sinn le Israel imeachd as ar seirbhis?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

5 Agus dh’innseadh do rìgh na h‑Eiphit gun do theich an sluagh: agus thionndaidh cridhe Phàraoh agus a sheirbhiseach an aghaidh an t‑sluaigh, agus thubhairt iad, Ciod e seo a rinn sinn, gun do leig sinn le Israel imeachd as ar seirbhis?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 14:5
9 Iomraidhean Croise  

Agus dh’innseadh do Làban, air an treas là, gun do theich Iàcob.


Dh’iompaich e an cridhe gu fuath a thoirt da shluagh, agus gu buntainn gu cealgach ra sheirbhisich.


Agus thug na h‑Èiphitich dian‐sparradh don t‑sluagh, a‑chum gun cuireadh iad le cabhaig a‑mach as an tìr iad; oir thubhairt iad, Is daoine marbha sinn gu lèir.


Agus cruadhaichidh mise cridhe Phàraoh, agus thèid e air an tòir, agus gheibh mise glòir a‑thaobh Phàraoh agus a shlòigh uile; agus bidh fhios aig na h‑Èiphitich gur mise an Tighearna. Agus rinn iad mar sin.


Agus bheartaich e a charbad, agus thug e a shluagh maille ris;


Thubhairt an nàmhaid, Leanaidh mi, beiridh mi orra, roinnidh mi a’ chreach: sàsaichear mo mhiann orra; rùisgidh mi mo chlaidheamh, sgriosaidh mo làmh iad.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan