Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 14:12 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

12 Nach e seo am facal a labhair sinn riut anns an Èiphit, ag ràdh, Leig leinn seirbhis a dhèanamh do na h‑Èiphitich? Oir b’fheàrr dhuinn seirbhis a dhèanamh do na h‑Èiphitich na bàs fhaghail anns an fhàsach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

12 Nach e seo am facal a labhair sinn riut anns an Eiphit, ag ràdh, Leig leinn seirbhis a dhèanamh do na h‑Eiphitich? Oir b’fheàrr dhuinn seirbhis a dhèanamh do na h‑Eiphitich na bàs fhaghail anns an fhàsach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 14:12
11 Iomraidhean Croise  

Cha do thuig ar n‑athraichean d’iongantasan anns an Eiphit; cha do thuig iad lìonmhorachd do thròcairean, ach bhrosnaich iad thu làimh ris a’ mhuir, aig a’ mhuir ruaidh.


Agus eadhon nuair a leig Phàraoh don t‑sluagh imeachd, cha do threòraich Dia iad air slighe tìr nam Philisteach, ged bha sin aithghearr; oir thubhairt Dia, Air eagal gum bi aithreachas air an t‑sluagh nuair a chì iad cogadh, agus gun till iad don Èiphit.


A‑nis uime sin, feuch, tha glaodh chloinn Israeil air teachd am ionnsaigh‐sa; agus mar an ceudna chunnaic mi am foir‐èiginn leis a bheil na h‑Èiphitich gam foir‐èigneadh.


Agus thubhairt iad riu, Gun amhairceadh Dia oirbh, agus gun tugadh e breith, do bhrìgh gun do rinn sibh ar fàile gràineil an làthair Phàraoh, agus an làthair a sheirbhiseach, a’ cur claidheimh nan làimh a‑chum sinne a mharbhadh.


Agus labhair Maois mar sin ri cloinn Israeil; ach cha d’èisd iad ri Maois, trìd chràdh spioraid, agus trìd chruaidh dhaorsa.


Tha Ephraim air a dhlùth‐cheangal ri iodhalan, leig leis:


Uime sin a‑nis, O Thighearna, buin, guidheam ort, m’anam uam; oir is fheàrr dhomh a bhith marbh na beò.


Agus thàrladh, nuair a dh’èirich a’ ghrian, gun do dheasaich Dia gaoth theth on ear; agus bhuail a’ ghrian air ceann Ionah, ionnas gun d’fhannaich e, agus ghuidh e ann fhèin bàs fhaotainn, agus thubhairt e, Is fheàrr dhomh a bhith marbh na beò.


Ag ràdh, Leig leinn; ciod ar gnothach‐ne riut, Iosa o Nàsaret? An tàinig thu gar sgrios‐ne? Is aithne dhomh cò thu, aon naomh Dhè.


Agus ghlaodh e le guth mòr, agus thubhairt e, Ciod mo ghnothach‐sa riut, Iosa, a Mhic an Dè as ro‑àirde? Tha mi a’ cur ort à uchd Dhè, gun mo phianadh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan