Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 14:11 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

11 Agus thubhairt iad ri Maois. An ann a chionn nach robh uaighean anns an Èiphit, a thug thu leat sinn gu bàs fhaghail anns an fhàsach? Carson a rinn thu seo oirnn, ar tabhairt a‑mach as an Èiphit?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

11 Agus thubhairt iad ri Maois. An ann a chionn nach robh uaighean anns an Eiphit, a thug thu leat sinn gu bàs fhaghail anns an fhàsach? Carson a rinn thu seo oirnn, ar tabhairt a‑mach as an Eiphit?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 14:11
14 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Israel, Carson a bhuin sibh cho olc rium, agus gun d’innis sibh don duine gu robh bràthair tuilleadh agaibh?


Agus eadhon nuair a leig Phàraoh don t‑sluagh imeachd, cha do threòraich Dia iad air slighe tìr nam Philisteach, ged bha sin aithghearr; oir thubhairt Dia, Air eagal gum bi aithreachas air an t‑sluagh nuair a chì iad cogadh, agus gun till iad don Èiphit.


Agus nuair a chunnaic an sluagh gun do rinn Maois moille ann an teachd a‑nuas as an t‑sliabh, chruinnich iad iad fhèin gu Aaron, agus thubhairt iad ris, Eirich suas, dèan dhuinne diathan a thèid romhainn; oir a‑thaobh a’ Mhaois seo, an duine a thug a‑nìos sinn à tìr na h‑Èiphit, chan eil fhios againn ciod a thàinig air.


Agus thubhairt iad riu, Gun amhairceadh Dia oirbh, agus gun tugadh e breith, do bhrìgh gun do rinn sibh ar fàile gràineil an làthair Phàraoh, agus an làthair a sheirbhiseach, a’ cur claidheimh nan làimh a‑chum sinne a mharbhadh.


Agus thill Maois a dh’ionnsaigh an Tighearna, agus thubhairt e, A Thighearna, carson a bhuin thu cho olc ris an t‑sluagh seo? Carson a chuir thu uat mi?


Agus nuair a rinn an sluagh gearan, mhì‐thaitinn e ris an Tighearna, agus chuala an Tighearna e: agus las a fhearg, agus loisg teine an Tighearna nam measg, agus chuir e as dhaibhsan a bha an iomall a’ champa:


Agus ma bhuineas tu rium mar seo, marbh mi, guidheam ort, as an làimh, ma fhuair mi deagh‐ghean ad shealladh; agus na faiceam mo thruaighe.


Oir na daoine sin uile a chunnaic mo ghlòir, agus mo chomharraidhean a rinn mi anns an Eiphit, agus anns an fhàsach, agus a bhuair mi a‑nis na deich uairean seo, agus nach d’èisd rim ghuth;


Ach air an là màireach, rinn co‑chruinneachadh chloinn Israeil uile gearan an aghaidh Mhaois agus an aghaidh Aaroin, ag ràdh, Mharbh sibh sluagh an Tighearna.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan