Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 13:11 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

11 Agus nuair a bheir an Tighearna a‑steach thu do thìr nan Canàanach mar a mhionnaich e dhutsa agus dod athraichean, agus a bheir e dhut e,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

11 Agus nuair a bheir an Tighearna a‑steach thu do thìr nan Canàanach mar a mhionnaich e dhutsa agus dod athraichean, agus a bheir e dhut e,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 13:11
7 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a bheir an Tighearna a‑steach thu do thìr nan Canàanach, agus nan Hiteach, agus nan Amorach, agus nan Hibheach, agus nan Iebusach, a mhionnaich e dod athraichean gun tugadh e dhut, fearann a’ sruthadh le bainne agus le mil, an sin coimheadaidh tu an t‑seirbhis seo anns a’ mhìos seo.


Air an là sin fhèin rinn an Tighearna coicheangal ri Abram, ag ràdh, Dod shliochd‐sa thug mi am fearann seo, o abhainn na h‑Èiphit gu ruig an abhainn mhòr, abhainn Euphràtes:


Agus bheir mi dhutsa, agus dod shliochd ad dhèidh, am fearann anns a bheil thu ad choigreach, tìr Chanàain uile, mar sheilbh shìorraidh; agus bidh mise am Dhia dhaibh.


Agus, feuch, tha mise maille riut, agus gleidhidh mi thu anns gach àite don tèid thu, agus bheir mi a‑rìs thu a dh’ionnsaigh na tìre seo; oir cha trèig mi thu, gus an dèan mi an nì sin a labhair mi riut.


Cuimhnich air Abrahàm, Isaac, agus Israel, do sheirbhisich, don tug thu mionnan ort fhèin, agus ris an dubhairt thu, Nì mi ur sliochd lìonmhor mar reultan nèimh, agus am fearann seo uile mun do labhair mi, bheir mi dur sliochd‐se, agus sealbhaichidh iad e gu sìorraidh.


Am mise a ghin an sluagh seo uile? An ann dhomh a rugadh iad, gun abradh tu rium, Giùlain ad uchd iad (mar a ghiùlaineas oide‐altraim leanabh na cìche) a‑chum an fhearainn a mhionnaich thu dan athraichean?


Oir chuimhnich e a ghealladh naomh do Abrahàm, a sheirbhiseach.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan