Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 12:8 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

8 Agus ithidh iad an fheòil anns an oidhche sin fhèin ròiste le teine, agus aran neo‐ghortaichte; maille ri luibhean searbha ithidh iad e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

8 Agus ithidh iad an fheòil anns an oidhche sin fhèin ròiste le teine, agus aran neo-ghortaichte; maille ri luibhean searbha ithidh iad e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 12:8
20 Iomraidhean Croise  

Chan ìobair thu fuil m’ìobairt‐sa le taois ghoirt, cha mhò a dh’fhàgar gu madainn ìobairt fèill na càisge.


Agus ròistidh agus ithidh tu i anns an àit a thaghas an Tighearna do Dhia: agus tillidh tu anns a’ mhadainn, agus thèid thu dod bhùthan.


Ach b’i toil an Tighearna a bhruthadh; chuir e fo àmhghar e; nuair a nì thu a anam na ìobairt‐rèitich, chì e sliochd, sìnear a làithean; agus soirbhichidh rùn an Tighearna na làimh.


Cha toir thu seachad fuil m’ìobairt‐sa le aran gortaichte, cha mhò a dh’fhanas saill m’ìobairt gu madainn.


Ithear aran neo‐ghortaichte seachd làithean; agus chan fhaicear aran gortaichte agad, agus cha mhò a chìthear taois ghoirt agad ann ad chrìochan uile.


Agus thubhairt Maois ris an t‑sluagh, Cuimhnichibh an là seo, air an tàinig sibh a‑mach as an Èiphit, a taigh na daorsa; oir le làimh thrèin thug an Tighearna a‑mach sibh as a sin: agus chan ithear aran gortaichte.


Agus rinn iad am beatha searbh dhaibh le daorsa chruaidh, ann am mortar, agus ann an clachan‐creadha, agus anns gach gnè obrach anns a’ mhachair: bha an obair uile, anns an tug iad orra obair a dhèanamh, le cruas.


Agus rinneadh sibh nur luchd‐leanmhainn oirnne, agus air an Tighearna, nuair a ghabh sibh ris an fhacal ann am mòr‐àmhghar, le aoibhneas an Spioraid Naoimh:


Gortaichidh beagan de thaois ghoirt am meall uile.


Agus ag ithe dhaibh, ghlac Iosa aran, agus air tabhairt buidheachais, bhris e e, agus thug e do na deisciobail e, agus thubhairt e, Gabhaibh, ithibh; is e seo mo chorp‐sa.


An sin thuig iad cionnas nach d’iarr e orra a bhith air am faicill o thaois ghoirt an arain, ach o theagasg nam Pharasach agus nan Sadusach.


Agus dòirtidh mi air taigh Dhaibhidh, agus air luchd‐àiteachaidh Ierusaleim, spiorad nan gràs agus nan athchuingean, agus amhaircidh iad airsan a lot iad, agus nì iad caoidh air a shon, mar a chaoidheas duine airson a aon mhic: agus bidh an doilgheas air a shon mar dhoilgheas airson ciad‐ghin.


Agus ìobraibh ìobairt‐bhuidheachais le taois ghoirt, agus èighibh, cuiribh an cèill na saor‐thabhartasan; oir tha seo taitneach dhuibh, O chlann Israeil, deir an Tighearna Iehòbhah.


Mar uisge dhòirteadh a‑mach mi, agus sgàin mo chnàmhan uile o chèile; tha mo chridhe mar chèir, air leaghadh ann am meadhon mo chuim.


Na ithibh a’ bheag dheth amh, no idir air a bhruitheadh ann an uisge, ach ròiste le teine: a cheann maille ra chasan, agus maille ra ghrealaich.


Agus ròist iad a’ chàisg le teine, a rèir na riaghailt; ach bhruith iad na tabhartasan naomha ann am poitean, agus ann an coireachan, agus ann an aighnean, agus roinn iad iad gu grad am measg an t‑sluaigh uile.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan