Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 11:7 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

7 Ach an aghaidh aoin de chloinn Israeil cha charaich madadh a theanga, aon chuid an aghaidh duine no ainmhidh; a‑chum is gum bi fhios agaibh cionnas a chuireas an Tighearna dealachadh eadar na h‑Èiphitich agus Israel.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

7 Ach an aghaidh aoin de chloinn Israeil cha charaich madadh a theanga, aon chuid an aghaidh duine no ainmhidh; a‑chum is gum bi fhios agaibh cionnas a chuireas an Tighearna dealachadh eadar na h‑Eiphitich agus Israel.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 11:7
11 Iomraidhean Croise  

Agus aig a’ bhochd bidh dòchas, agus druididh aingidheachd a beul.


Mura till e, geuraichidh e a chlaidheamh; chuir e a bhogha air lagh, agus dheasaich e e.


Chan fhaca aon dhiubh a chèile, cha mhò a dh’èirich neach o a àite rè trì làithean: ach bha aig cloinn Israeil uile solas nan àitean‐còmhnaidh.


Agus rinn draoidhean na h‑Èiphit mar sin len draoidheachdan: agus chruadhaicheadh cridhe Phàraoh, agus cha d’èisd e riu, mar a thubhairt an Tighearna.


An sin thubhairt na draoidhean ri Phàraoh, Is e meur Dhè a tha ann: agus chruadhaicheadh cridhe Phàraoh, agus cha d’èisd e riu, mar a thubhairt an Tighearna.


Agus cuiridh mi air leth, air an là sin fhèin, fearann Ghòsein, anns a bheil mo shluagh a chòmhnaidh, air chor is nach bi cuileagan sam bith an sin; a‑chum is gum bi fhios agad gur mise an Tighearna ann am meadhon na talmhainn.


A‑mhàin ann an tìr Ghòsein, far an robh clann Israeil, cha robh clach‐mheallain.


Agus cuiridh an Tighearna dealachadh eadar sprèidh Israeil, agus chan fhaigh a’ bheag bàs a dh’aon nì as le cloinn Israeil.


An sin tillidh sibhse, agus chì sibh an dealachadh eadar am fìrean agus an t‑aingidh; eadar an tì a tha a’ dèanamh seirbhis do Dhia, agus an tì nach eil ri seirbhis dha idir.


Oir cò a tha a’ dèanamh eadar‐dhealachaidh ortsa o neach eile? Agus ciod a tha agad nach d’fhuair thu? A‑nis ma fhuair thu e, carson a tha thu a’ dèanamh uaill mar nach faigheadh tu e?


Agus thill an sluagh uile don champ gu Iosua aig Macedah ann an sìth: cha do ghluais neach a theanga an aghaidh duine sam bith de chloinn Israeil.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan