Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Ecsodus 1:14 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

14 Agus rinn iad am beatha searbh dhaibh le daorsa chruaidh, ann am mortar, agus ann an clachan‐creadha, agus anns gach gnè obrach anns a’ mhachair: bha an obair uile, anns an tug iad orra obair a dhèanamh, le cruas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

14 Agus rinn iad am beatha searbh dhaibh le daorsa chruaidh, ann am mortar, agus ann an clachan-creadha, agus anns gach gnè obrach anns a’ mhachair: bha an obair uile, anns an tug iad orra obair a dhèanamh, le cruas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Ecsodus 1:14
30 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e ri Abram, Biodh fhios gu cinnteach agad gum bi do shliochd nan coigrich ann an dùthaich nach leo fhèin, agus nì iad seirbhis dhaibh; agus buinidh iad gu cruaidh riu ceithir cheud bliadhna;


Agus labhair e riu a rèir comhairle nan daoine òga, ag ràdh, Dh’antromaich m’athair ur cuing, agus cuiridh mise ri ur cuing: smachdaich m’athair sibh le slatan, ach smachdaichidh mise sibh le sgorpionan.


Is minig a chràidh iad mi om òige, abradh Israel a‑nis;


Ged laigh sibh am measg choireachan, bidh sibh mar sgiathan calamain air an còmhdach le airgead, agus a iteagan le òr buidhe.


On eallaich thug mi as a ghualainn; o na poitean shaoradh a làmhan.


Uime sin chuir iad maighistirean‐obrach orra, a‑chum an sàrachadh len eallaichean. Agus thog iad bailtean‐ionmhais do Phàraoh, Pitom agus Rameses.


Agus thug na h‑Èiphitich air cloinn Israeil seirbhis a dhèanamh le cruas:


Agus labhair rìgh na h‑Èiphit ri mnathan‐glùine nan Eabhraidheach (b’e ainm aoin dhiubh Siphrah, agus ainm na tè eile Puah);


Agus thàrladh an ceann mòran làithean gun d’fhuair rìgh na h‑Èiphit bàs, agus bha clann Israeil ag osnaich airson an daorsa, agus ghlaodh iad; agus thàinig an glaodh suas gu Dia, airson na daorsa.


Is mise an Tighearna do Dhia a thug a‑mach thu à tìr na h‑Èiphit, à taigh na daorsa.


Agus labhair Maois mar sin ri cloinn Israeil; ach cha d’èisd iad ri Maois, trìd chràdh spioraid, agus trìd chruaidh dhaorsa.


Mar leòmhann beucach, agus mar mhath‐ghamhainn a ruitheas a‑null agus a‑nall, tha uachdaran aingidh os cionn sluaigh bhochd.


Air an adhbhar sin, mar seo deir Iehòbhah, Tighearna nan sluagh, Na biodh eagal ort, O mo shluagh, a tha a chòmhnaidh ann an Sion, ron Asirianach; le slait buailidh e thu, agus a bhata togaidh e suas ad aghaidh, a rèir gnàth na h‑Eiphit.


Esan a bhuail na slòigh ann am feirg, le buille gun sgur; esan a thug fo ghèill na cinnich ann an corraich; tha e air a dhian‐ruagadh, gun neach a’ bacadh.


Ach cuiridh mi i ann an làimh do luchd‐sàrachaidh, a tha ag ràdh rid anam, Crom sìos, a‑chum gun tèid sinn thairis: agus leag thu do chorp sìos mar an làr, agus mar an t‑sràid, dhaibhsan a tha a’ gabhail seachad.


Agus a‑nis, ciod a tha agamsa an seo, deir an Tighearna, o thugadh air falbh mo shluagh air neoni? Tha an luchd‐riaghlaidh a’ toirt orra caoineadh, deir an Tighearna; agus tha m’ainm‐sa an còmhnaidh, gach aon là, a’ faghail toibheim.


Nach e seo an trasg a tha mise a’ roghnachadh: cuibhrichean na h‑aingidheachd a sgaoileadh, na h‑uallaichean troma a lasachadh, agus a’ mhuinntir shàraichte fhuasgladh; agus gach uile chuing a bhriseadh?


Cha ghnàthaich thu uachdaranachd os a chionn le an‑iochd, ach bidh eagal do Dhè ort.


Agus gabhaidh sibh iad mar oighreachd dur cloinn nur dèidh, a‑chum an sealbhachadh mar oighreachd; bidh iad dhuibh nan tràillean a‑chaoidh: ach os cionn ur bràithrean, clann Israeil, eadhon os cionn a chèile, cha ghnàthaich sibh uachdaranachd le an‑iochd.


Mar sheirbhiseach a tha air thuarasdal o bhliadhna gu bliadhna bidh e maille ris: cha ghnàthaichear uachdaranachd os a chionn le an‑iochd ann ad shealladh‐sa.


A tha fòs ag ithe feòil mo shluaigh‐sa, agus a’ fionnadh dhiubh an craicinn, agus a’ briseadh an cnàmh, agus gan gearradh nam bloighdean, mar fheòil airson na poite, agus mar bhiadh ann am meadhon a choire.


Tarraing uisge dhut fhèin airson an fheachd, neartaich do dhaingnichean làidir: rach a‑steach don chriadh agus post an làthach; daingnich an àth‐chreadha.


Mar a chaidh ar n‑athraichean sìos don Eiphit, agus a ghabh sinn còmhnaidh anns an Eiphit aimsir fhada; agus bhuin na h‑Eiphitich gu h‑olc rinne, agus ri ar n‑athraichean.


Bhuin esan gu cuilbheirteach ri ar cinneach, agus rinn e olc air ar n‑athraichean, air chor is gun tug e orra an naoidheanan a thilgeadh a‑mach a‑chum nach sìolaicheadh iad.


Chunnaic mi gu cinnteach àmhghar mo phobaill a tha anns an Èiphit, agus chuala mi an osna, agus thàinig mi a‑nuas gan saoradh. Agus a‑nis thig, cuiridh mi don Èiphit thu.


Agus bhuin na h‑Eiphitich gu h‑olc rinn, agus shàraich iad sinn, agus chuir iad daorsa chruaidh oirnn:


Ach ghabh an Tighearna sibhse, agus thug e a‑mach sibh as an àmhainn iarainn, as an Eiphit, gu bhith nur sluagh airson oighreachd dha fhèin, mar air an là‑an‑diugh.


Agus thubhairt ise riu, Na abraibh Naòmi rium: abraibh Màra rium; oir bhuin an t‑Uile‐chumhachdach gu ro‑gheur rium.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan