Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 1:14 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

14 Nach spioradan‐frithealaidh iad uile, air an cur a‑mach a‑chum frithealaidh dhaibhsan a bhios nan oighreachan air slàinte?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

14 Nach spioradan-frithealaidh iad uile, air an cur a‑mach a‑chum frithealaidh dhaibhsan a bhios nan oighreachan air slàinte?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

14 Nach eil iad uile nan spioradan‑frithealaidh, air an cur a‑mach gus seirbheis a dhèanamh dhaibhsan a tha an impis sàbhaladh fhaighinn mar oighreachd?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

14 Nach spioraid-fhrithealaidh iad uile, air an cur a fhrithealadh dhaibh-san, a ghlacas oighreachd an t-sabhalaidh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 1:14
65 Iomraidhean Croise  

Agus dh’fhan Iàcob na aonar; agus ghleac duine ris, gu ruig briseadh na fàire.


Agus thubhairt esan, Uime sin èisd thusa ri facal an Tighearna: Chunnaic mise an Tighearna na shuidhe air a rìgh‐chathair, agus uile shlòigh nan nèamh nan seasamh làimh ris, air a làimh dheis agus air a làimh chlì.


A‑nis bha là air an tàinig mic Dhè gu seasamh an làthair an Tighearna; agus thàinig mar an ceudna Sàtan nam measg.


A’ dèanamh a ainglean nan spioradan, a luchd‐frithealaidh nan teine lasrach.


Campaichidh aingeal an Tighearna man timcheall‐san don eagal e, agus teasairgidh e iad.


An sin labhair Nebuchadnesar, agus thubhairt e, Guma beannaichte gu robh Dia Shadraich, Mhesaich, agus Abed‐nego, a chuir a‑nuas a aingeal, agus a shaor a òglaich a chuir an dòchas ann, agus a chuir an aghaidh facail an rìgh, agus a thug seachad an cuirp a‑chum nach tugadh iad seirbhis no adhradh do dhia air bith, ach an Dia fhèin.


Chuir mo Dhia‑sa a‑nuas aingeal, agus dhruid e beòil nan leòmhann, air chor is nach do rinn iad mo dhochann: do bhrìgh na fhianais gun d’fhuaireadh neochiontas annam; agus fòs ad fhianais‐sa, O rìgh, cha do rinn mi cron sam bith.


Bhrùchd sruth teinnteach, agus thàinig e a‑mach o an làthair: bha mìle de mhìltean a’ frithealadh dha, agus sheas deich mìle uair deich mìle na fhianais: shuidhicheadh am breitheanas, agus dh’fhosgladh na leabhraichean.


Ach aig smaoineachadh nan nithean sin dha, feuch, dh’fhoillsich aingeal an Tighearna e fhèin dha ann am bruadar, ag ràdh, A Iòseiph, a mhic Dhaibhidh, na biodh eagal ort do bhean Muire a ghabhail ad ionnsaigh: oir an nì a tha air a ghineamhainn innte, is ann on Spiorad Naomh a tha e.


Cuiridh Mac an Duine aingil uaithe, agus tionailidh iad as a rìoghachd na h‑uile nithean a bheir oilbheum, agus iadsan a tha a’ dèanamh aingidheachd;


Thugaibh an aire nach dèan sibh tarcais air aon neach den mhuinntir bhig seo; oir tha mise ag ràdh ribh gu bheil an aingil‐san air nèamh a’ faicinn a‑ghnàth gnùis m’Athar‐sa a tha air nèamh.


Agus nuair a dh’imich iad air an ais, feuch, nochdadh aingeal an Tighearna do Iòseph ann am bruadar, ag ràdh, Èirich, agus gabh an naoidhean agus a mhàthair, agus teich don Èiphit, agus bi an sin gus an labhair mise riut: oir iarraidh Herod an naoidhean ga mhilleadh.


Agus cuiridh e a‑mach aingeal le fuaim mhòir na gall‐truimp, agus cruinnichidh iad a shluagh taghte o na ceithir gaothan, o leth‐iomall nèimh gus an leth‐iomall eile.


An sin their an Rìgh riùsan air a dheis, Thigibh, a dhaoine beannaichte m’Athar‐sa, sealbhaichibh mar oighreachd an rìoghachd a tha air a deasachadh dhuibh o leagadh bunaitean an domhain:


An sin dh’fhàg an diabhal e; agus, feuch, thàinig ainglean agus fhritheil iad dha.


Agus nuair a chaidh e a‑mach air an t‑slighe, thàinig neach na ruith, agus leig e e fhèin air a ghlùinean dha, agus dh’fheòraich e dheth, A Mhaighistir mhaith, ciod a nì mi a‑chum gun sealbhaich mi a’ bheatha mhaireannach?


Agus fhreagair an t‑aingeal agus thubhairt e ris, Is mise Gabriel a sheasas an làthair Dhè; agus chuireadh mi a labhairt riutsa, agus a dh’innse na naidheachd mhaith seo dhut.


Agus thàrladh, nuair a choileanadh làithean a fhrithealaidh, gun deachaidh e da thaigh fhèin.


Agus thàrladh gun d’fhuair an duine bochd bàs, agus gun do ghiùlaineadh leis na h‑ainglean e gu uchd Abrahàim: fhuair an duine saoibhir bàs mar an ceudna, agus dh’adhlaiceadh e.


Agus air ball bha maille ris an aingeal cuideachd mhòr de armailtean nèimh, a’ moladh Dhè, agus ag ràdh,


Agus, feuch, thàinig aingeal an Tighearna orra, agus dhealraich glòir an Tighearna mun timcheall; agus ghabh iad eagal mòr.


Agus thàinig sgeul air na nithean sin gu cluasan na h‑eaglais a bha ann an Ierusalem; agus chuir iad Barnabas uapa, a‑chum gu rachadh e gu Antioch:


Agus air ball bhuail aingeal an Tighearna e, do bhrìgh nach tug e a’ ghlòir do Dhia: agus dh’itheadh le cnuimhean e, agus chaidh an deò as.


Agus, feuch, thàinig aingeal an Tighearna air, agus dhealraich solas anns a’ phrìosan: agus bhuail e taobh Pheadair, agus dhùisg e e, ag ràdh, Eirich gu grad. Agus thuit a cheanglaichean de a làmhan.


Agus air dhaibh a bhith ri ministrealachd don Tighearna, agus a’ trasgadh, thubhairt an Spiorad Naomh, Cuiribh air leth dhòmhsa Barnabas agus Saul, a‑chum na h‑obrach gus an do ghairm mi iad.


Agus gu h‑obann bha crith‐thalmhainn mhòr ann, air chor is gun do chrathadh bunaitean a’ phrìosain: agus air ball dh’fhosgladh na dorsan uile, agus dh’fhuasgladh cuibhrichean gach neach aca.


Oir, air an oidhche nochd, sheas làimh riumsa aingeal an Dè sin dom buin mi, agus dom bheil mi a’ dèanamh seirbhis,


Ach dh’fhosgail aingeal an Tighearna dorsan a’ phrìosain anns an oidhche, agus thug e iadsan a‑mach, agus thubhairt e,


Ma dh’fhaodas mi air chor sam bith mo cho‐fheòil a bhrosnachadh gu eud, agus gun tèarainn mi dream àraidh dhiubh.


Oir, air an adhbhar seo, tha sibh mar an ceudna a’ toirt cìse dhaibh: oir is iad seirbhisich Dhè iad, a’ sìor‐fheitheamh air an nì seo fhèin.


Ionnas gum bithinn am mhinistear aig Iosa Crìosd do na Cinnich, a’ frithealadh soisgeul Dhè, a‑chum gum biodh tabhartas nan Cinneach taitneach, air a naomhachadh leis an Spiorad Naomh.


Bu toil leo gu deimhinn, agus tha iad fo fhiachan dhaibh. Oir ma rinneadh na Cinnich nan luchd‐compàirt den nithean spioradail‐san, is còir dhaibh ministrealachd a dhèanamh dhaibhsan anns na nithean a bhuineas don cholainn.


Agus mas clann, is oighreachan; oighreachan air Dia, agus co‑oighreachan maille ri Crìosd: mas e is gum fuiling sinn maille ris, a‑chum gun glòraichear sinn maille ris mar an ceudna.


Oir nuair, ann an gliocas Dhè, nach b’aithne don t‑saoghal, tre ghliocas, Dia, bu toil le Dia le amaideachd an t‑searmonachaidh iadsan a thèarnadh a tha a’ creidsinn.


Oir tha frithealadh na seirbhis seo, chan e a‑mhàin a’ leasachadh uireasbhaidh nan naomh, ach tha e mar an ceudna pailt tre mhòran breith‐buidheachais do Dhia;


Agus mas le Crìosd sibh, is sibh sìol Abrahàim gun amharas, agus is oighreachan sibh a rèir a’ gheallaidh.


Uime sin biodh fhios agaibh an dream a tha den chreideamh, gur iad sin clann Abrahàim.


Uime sin tha an dream a tha den chreideamh air am beannachadh maille ri Abrahàm, fìor‐chreidmheach.


Gum biodh na Cinnich nan co‑oighreachan, agus nan co‑chorp, agus nan luchd‐compàirt de a ghealladh‐san ann an Crìosd, tre an t‑soisgeul:


Seadh agus ma dh’ìobrar mi air ìobairt agus seirbhis fhollaiseach ur creidimh‐se, tha aoibhneas orm, agus tha mi a’ dèanamh gàirdeachais maille ribhse uile.


Gidheadh mheas mi gum b’fheumail Epaphroditus mo bhràthair, agus mo cho‐obraiche, agus mo cho‐shaighdear, ach ur teachdaire‐se, agus an tì a fhritheil dom uireasbhaidh, a chur dur n‑ionnsaigh.


Agus dhuibhse a tha fo àmhghar, fois maille rinne, nuair a dh’fhoillsichear an Tighearna Iosa o nèamh, maille ra ainglean cumhachdach:


A‑chum air dhuinn a bhith air ar fìreanachadh tre a ghràs, gum bitheamaid air ar dèanamh nar n‑oighreachan a rèir dòchas na beatha maireannaich.


Agus tha gach uile shagart a’ seasamh gach là, a’ frithealadh agus a’ toirt suas nan ìobairt ceudna gu minig, nithean do nach eil e an comas a‑chaoidh peacaidhean a thoirt air falbh:


Cionnas a thèid sinne as, ma nì sinn dìmeas air slàinte cho mòr, a thòisich air tùs air a bhith air a labhairt leis an Tighearna, agus a rinneadh dearbhte dhuinne leòsan a chuala e;


Agus air dha a bhith air a dhèanamh foirfe, rinneadh e na ùghdar slàinte shìorraidh dhaibhsan uile a bhios umhail dha;


A‑chum nach bi sibh leisg, ach nur luchd‐leanmhainn orrasan, a tha tre chreideamh agus fhoighidinn a’ sealbhachadh nan geallaidhean.


Uime sin air a bhith do Dhia toileach air neo‐chaochlaideachd a chomhairle a nochdadh na bu phailte do oighreachan a’ gheallaidh, dhaingnich e le mionnan e:


Ach a‑nis fhuair e ministrealachd as ro‑fheàrr, a mheud is gu bheil e mar an ceudna na eadar‐mheadhonair air coicheangal as fheàrr, a chaidh a dhaingneachadh air geallaidhean as fheàrr.


Mar sin thugadh Crìosd suas aon uair a thoirt air falbh peacaidhean mhòran; ach an dara uair as eugmhais peacaidh foillsichear e dhaibh‐san aig a bheil sùil ris, a‑chum slàinte.


Eisdibh, mo bhràithrean gràdhach, nach do thagh Dia bochdan an t‑saoghail seo, saoibhir ann an creideamh, agus nan oighreachan air an rìoghachd, a gheall e dhaibhsan a ghràdhaicheas e?


Muinntir don d’fhoillsicheadh nach b’ann dhaibh fhèin, ach dhuinne, a fhritheil iad na nithean a tha a‑nis air an cur an cèill dhuibh leòsan a shearmonaich an soisgeul dhuibh leis an Spiorad Naomh a chuireadh a‑nuas o nèamh; nithean air am miann leis na h‑ainglean beachdachadh.


A‑chum oighreachd neo‐thruaillidh, agus neo‐shalaich, agus nach searg as, a tha air a coimhead anns na nèamhan dhuibhse,


Mar an ceudna, fheara, gabhaibh‐se còmhnaidh maille riu a rèir eòlais, a’ tabhairt urraim don mhnaoi mar an soitheach as anfhainne, agus mar mhuinntir a tha nan co‑oighreachan air gràs na beatha; a‑chum nach cuirear bacadh air ur n‑ùrnaighean.


Agus rinn Enoch mar an ceudna, an seachdamh pearsa o Adhamh, fàidheadaireachd umpa seo, ag ràdh, Feuch, tha an Tighearna a’ teachd le deich mìle de a naoimh,


Agus dh’amhairc mi, agus, feuch, ann am meadhon na rìgh‐chathrach, agus nan ceithir beò‐chreutairean, agus ann am meadhon nan seanairean, Uan na sheasamh mar gum biodh e air a mharbhadh, aig an robh seachd adhaircean, agus seachd sùilean, as iad seachd spioradan Dhè, a chuireadh a‑mach a‑chum na talmhainn uile.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan