2 Eachdraidh 9:4 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 19924 Agus biadh a bhùird, agus suidhe a sheirbhiseach, agus feitheamh a luchd‐frithealaidh agus an trusgan, agus a ghillean‐cupain agus an trusgan, agus a dhol‐suas air an deachaidh e suas gu taigh an Tighearna, cha robh spiorad innte nas mò. Faic an caibideilAm Bìoball Gàidhlig 19924 Agus biadh a bhùird, agus suidhe a sheirbhiseach, agus feitheamh a luchd-frithealaidh agus an trusgan, agus a ghillean-cupain agus an trusgan, agus a dhol-suas air an deachaidh e suas gu taigh an Tighearna, cha robh spiorad innte nas mò. Faic an caibideil |
Agus dh’amhairc i, agus, feuch, sheas an rìgh làimh ra phost aig an dol a‑steach, agus na h‑uachdarain agus na trompaidean làimh ris an rìgh; agus rinn uile shluagh na tìre gàirdeachas, agus rinn iad fuaim le trompaidean, agus an luchd‐seinn le innealan‐ciùil, agus iadsan a bha eòlach air moladh: agus reub Ataliah a h‑aodach, agus thubhairt i, Foill, foill!
A Thighearna, guidheam ort, biodh do chluas a‑nis furachair ri ùrnaigh do sheirbhisich, agus ri ùrnaigh d’òglaich, leis am miann eagal d’ainme a bhith orra: agus soirbhich, guidheam ort, led sheirbhiseach an‑diugh, agus thoir dha tròcair ann an sealladh an duine seo. A‑nis bha mise am ghille‐cupain aig an rìgh.
Agus thèid an t‑uachdaran a‑steach air slighe sgàth‐thaigh a’ gheata an taobh a‑muigh, agus seasaidh e aig ursann a’ gheata, agus deasaichidh na sagartan a thabhartas‐loisgte, agus a thabhartasan‐sìthe, agus nì e adhradh aig stairsnich a’ gheata: an sin thèid e a‑mach, ach cha druidear an geata gu anmoch.