Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Eachdraidh 9:2 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Agus fhreagair Solamh dhi a ceistean uile; agus cha robh nì air bith am falach air Solamh nach d’innis e dhi.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Agus fhreagair Solamh dhi a ceistean uile; agus cha robh nì air bith am falach air Solamh nach d’innis e dhi.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Eachdraidh 9:2
12 Iomraidhean Croise  

Feuch, rinn mise a rèir do bhriathran: feuch, thug mi dhut cridhe glic agus tuigseach, air chor is nach robh neach air bith romhad cosmhail riut, agus nach mò a dh’èireas ad dhèidh neach air bith cosmhail riut.


Agus thug Dia gliocas do Sholamh, agus tuigse ro‑mhòr, agus farsaingeachd cridhe mar a’ ghaineamh a tha air tràigh na mara.


Agus nuair a chuala bànrighinn Shèba cliù Sholaimh, thàinig i a dhearbhadh Sholaimh le ceistean cruaidhe gu Ierusalem, le cuideachd ro‑mhòir, agus le càmhail a’ giùlan spìosraidh agus òir ann am pailteas, agus chlachan luachmhor: agus nuair a thàinig i a dh’ionnsaigh Sholaimh, labhair i ris gach nì a bha na cridhe.


Agus nuair a chunnaic bànrighinn Shèba gliocas Sholaimh, agus an taigh a thog e,


An tì a shiùbhlas le daoine glice, bidh e glic; ach sgriosar companach nan amadan.


Mar uisgeachan domhain tha briathran beul duine; mar shruth sgaoilteach tha tobar a’ ghliocais.


Agus thubhairt e riu, Dhuibhse thugadh eòlas a ghabhail air nithean diamhair rìoghachd Dhè: ach dhaibh‐san a tha an leth a‑muigh nìthear gach nì ann an cosamhlachdan:


Ach gun chosamhlachd cha do labhair e riu. Agus mhìnich e na h‑uile nithean da dheisciobail fhèin air leth.


A seo suas cha ghairm mi seirbhisich dhibh; oir chan aithne don t‑seirbhiseach ciod a tha a thighearna a’ dèanamh: ach ghairm mi càirdean dhibh; oir na h‑uile nithean a chuala mi om Athair, thug mi fios dhuibhse orra.


Anns a bheil uile ionmhasan a’ ghliocais agus an eòlais falaichte.


Oir tha facal Dhè beò agus cumhachdach, agus nas gèire na claidheamh dà fhaobhair air bith, a’ ruigheachd eadhon a‑chum eadar‐sgaradh an anama agus an spioraid, agus nan alt agus nan smear, agus a’ toirt breith air smuaintean agus rùintean a’ chridhe.


Ma tha aon neach agaibh a dh’uireasbhaidh gliocais, iarradh e o Dhia, a bheir do gach neach gu pailt, agus nach dèan maoidheadh; agus bheirear dha e.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan