Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Eachdraidh 7:9 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

9 Agus air an ochdamh là chùm iad àrd‐choitheanal; oir chùm iad coisrigeadh na h‑altarach seachd làithean, agus an fhèill seachd làithean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

9 Agus air an ochdamh là chùm iad àrd-choitheanal; oir chùm iad coisrigeadh na h‑altarach seachd làithean, agus an fhèill seachd làithean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Eachdraidh 7:9
10 Iomraidhean Croise  

Agus chruinnich fir Israeil uile iad fhèin a dh’ionnsaigh rìgh Solaimh, air an fhèill ann am mìos Etanim; is e sin an seachdamh mìos.


Agus chùm Solamh anns an àm sin fèill, agus Israel uile maille ris, coitheanal mòr, o dhol a‑steach Hamait gu ruig abhainn na h‑Eiphit, am fianais an Tighearna ar Dia, seachd làithean agus seachd làithean, eadhon ceithir‐là‑deug.


Agus ghabh an coitheanal uile comhairle seachd làithean eile a chumail: agus chùm iad seachd làithean eile le aoibhneas.


Agus air an treas‐là‑fichead den t‑seachdamh mìos leig e an sluagh air falbh dam bùthan, aoibhinn agus subhach nan cridhe airson a’ mhaitheis a nochd an Tighearna do Dhaibhidh, agus do Sholamh, agus do Israel a shluagh.


Agus leugh e ann an leabhar lagh Dhè là an dèidh là, on chiad là gu ruig an là mu dheireadh: agus chùm iad an fhèill seachd làithean, agus air an ochdamh là, àrd‐choitheanal a rèir a’ ghnàtha.


Seachd làithean nì thu rèite airson na h‑altarach, agus naomhaichidh tu i; agus bidh i na h‑altair ro‑naomh: gach nì a bheanas ris an altair, naomhaichear e.


Naomhaichibh‐se trasgadh, gairmibh là toirmisg, cruinnichibh na seanairean, uile luchd‐àiteachaidh na tìre, gu taigh an Tighearna ur Dia, agus glaodhaibh ris an Tighearna.


Seachd làithean bheir sibh seachad tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna: air an ochdamh là bidh co‑ghairm naomh agaibh, agus bheir sibh seachad tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna; is àrd‐choitheanal e; obair thràilleil sam bith cha dèan sibh air.


Agus thug na ceannardan seachad tabhartas a‑chum coisrigeadh na h‑altarach, air an là anns an d’ungadh i: thug eadhon na ceannardan seachad an tabhartas air beulaibh na h‑altarach.


Sia làithean ithidh tu aran gun ghortachadh; agus air an t‑seachdamh là bidh àrd cho‐chruinneachadh don Tighearna do Dhia: cha dèan thu obair sam bith air.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan