Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Eachdraidh 7:8 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

8 Agus chùm Solamh anns an àm sin an fhèill seachd làithean, agus Israel uile maille ris, co‑chruinneachadh ro‑mhòr, o dhol a‑steach Hamait gu ruig abhainn na h‑Eiphit.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

8 Agus chùm Solamh anns an àm sin an fhèill seachd làithean, agus Israel uile maille ris, co‑chruinneachadh ro‑mhòr, o dhol a‑steach Hamait gu ruig abhainn na h‑Eiphit.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Eachdraidh 7:8
19 Iomraidhean Croise  

Air an là sin fhèin rinn an Tighearna coicheangal ri Abram, ag ràdh, Dod shliochd‐sa thug mi am fearann seo, o abhainn na h‑Èiphit gu ruig an abhainn mhòr, abhainn Euphràtes:


Agus chruinnich fir Israeil uile iad fhèin a dh’ionnsaigh rìgh Solaimh, air an fhèill ann am mìos Etanim; is e sin an seachdamh mìos.


Agus chùm Solamh anns an àm sin fèill, agus Israel uile maille ris, coitheanal mòr, o dhol a‑steach Hamait gu ruig abhainn na h‑Eiphit, am fianais an Tighearna ar Dia, seachd làithean agus seachd làithean, eadhon ceithir‐là‑deug.


Agus chruinnich ann an Ierusalem mòran sluaigh, a chumail fèill an arain neo‐ghortaichte anns an dara mìos, co‑chruinneachadh ro‑mhòr.


Mar sin bha mòr‐aoibhneas ann an Ierusalem: oir o làithean Sholaimh mhic Dhaibhidh, rìgh Israeil, cha robh a leithid ann an Ierusalem.


Agus chruinnich fir Israeil uile iad fhèin a dh’ionnsaigh an rìgh air an fhèill, ann am mìos Etanim, is e sin an seachdamh mìos.


Anns an t‑seachdamh mìos, air a’ chòigeamh‐là‑deug den mhìos, nì e a rèir sin air fèill nan seachd làithean, a rèir an tabhartais‐pheacaidh, a rèir na h‑ofrail‐loisgte, agus a rèir an tabhartais‐bhìdh, agus a rèir na h‑ola.


An taobh an iar mar an ceudna bidh aig an fhairge mhòir on iomall, gus an tig duine a‑nall fa chomhair Hamait; seo an taobh an iar.


Agus, feuch, dùisgidh mise suas cinneach nur n‑aghaidh, O thaigh Israeil, tha Iehòbhah, Dia nan sluagh ag ràdh; agus sàraichidh iad sibh o dhol a‑steach Hamait, gu ruig abhainn an fhàsaich.


Agus bha fèill nan Iùdhach, eadhon fèill nam pàillean, am fagas.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan