Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Eachdraidh 7:5 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

5 Agus dh’ìobair rìgh Solamh mar ìobairt dà‑mhìle‐fichead damh, agus ceud agus fichead mìle caora: agus choisrig an rìgh agus an sluagh uile taigh Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

5 Agus dh’ìobair rìgh Solamh mar ìobairt dà‑mhìle-fichead damh, agus ceud agus fichead mìle caora: agus choisrig an rìgh agus an sluagh uile taigh Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Eachdraidh 7:5
16 Iomraidhean Croise  

Agus dh’ìobair iad ìobairtean don Tighearna, agus thug iad seachad ìobairtean‐loisgte don Tighearna air an là màireach an dèidh an là sin, eadhon mìle tarbh, mìle reithe, agus mìle uan, len tabhartasan‐dibhe, agus ìobairtean ann am pailteas airson Israeil uile;


Agus chaidh Solamh suas an sin a dh’ionnsaigh na h‑altair umha am fianais an Tighearna, a bha aig pàillean a’ choitheanail, agus dh’ìobair e oirre mìle ìobairt‐loisgte.


Agus dh’ìobair iad don Tighearna anns an àm sin den chreich a thug iad leo, seachd ceud bò, agus seachd mìle caora.


Feuch, tha mi gu taigh a thogail do ainm an Tighearna mo Dhia, a‑chum a choisrigeadh dha, gu tùis chùbhraidh a losgadh na fhianais, agus airson an arain thaisbeanta bhith‐bhuain, agus airson ìobairtean‐loisgte air madainn agus air feasgar, air na sàbaidean, agus air na gealaichean nodha, agus air àrd‐fhèillean an Tighearna ar Dia: gu bràth tha seo ceangailte air Israel.


Oir thug Heseciah rìgh Iùdah suas don choitheanal mìle tarbh òg, agus seachd mìle caora; agus thug na h‑uachdarain suas don choitheanal mìle tarbh òg, agus deich mìle caora: agus naomhaich mòran shagart iad fhèin.


Agus dh’ìobair rìgh Solamh, agus coitheanal Israeil uile a chruinnich da ionnsaigh ron àirc, caoraich agus crodh, nach robh e an comas àireamh no a mheas, a‑thaobh lìonmhorachd.


An sin dh’ìobair an rìgh agus an sluagh uile ìobairtean am fianais an Tighearna.


Agus dh’fheith na sagartan air an dreuchd; na Lèbhithich mar an ceudna le innealan‐ciùil an Tighearna, a rinn Daibhidh an rìgh a mholadh an Tighearna, a chionn gum mair a thròcair gu bràth, nuair a bha Daibhidh a’ cliùthachadh len làimh‐san: agus shèid na sagartan trompaidean romhpa, agus sheas Israel uile.


Agus buinidh e don phrionnsa tabhartasan‐loisgte, agus tabhartasan‐bìdh, agus tabhartasan‐dibhe a thoirt uaithe air na làithean fèille, agus air na gealaichean nuadha, agus air na sàbaidean, agus air uile àrd‐fhèillean taigh Israeil: deasaichidh e an tabhartas‐peacaidh, agus an tabhartas‐bìdh, agus an tabhartas‐loisgte, agus na tabhartasan‐sìthe, a dhèanamh rèite airson taigh Israeil.


Am bi an Tighearna toilichte le mìltean de reitheachan, le deich mìltean de shruthan ola? An toir mi mo chiad‐ghin airson mo chionta; toradh mo chuirp airson cionta m’anama?


Agus thug na ceannardan seachad tabhartas a‑chum coisrigeadh na h‑altarach, air an là anns an d’ungadh i: thug eadhon na ceannardan seachad an tabhartas air beulaibh na h‑altarach.


Agus bha fèill‐chuimhne an ath‐choisrigidh ann an Ierusalem, agus b’e an geamhradh a bha ann.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan