Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Eachdraidh 7:2 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Agus cha b’urrainn na sagartan dol a‑steach do thaigh an Tighearna, a chionn gun do lìon glòir an Tighearna taigh an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Agus cha b’urrainn na sagartan dol a‑steach do thaigh an Tighearna, a chionn gun do lìon glòir an Tighearna taigh an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Eachdraidh 7:2
7 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a thàinig na sagartan a‑mach as an ionad naomh, lìon an neul taigh an Tighearna,


Agus bha iad mar aon a’ dèanamh fuaim le trompaidean, agus a’ seinn, a thoirt air aon ghuth a bhith air a chluinntinn a mholadh agus a thoirt buidheachais don Tighearna. Ach nuair a thog iad suas an guth leis na trompaidean, agus na ciombalan, agus na h‑innealan‐ciùil, agus a bha iad a’ moladh an Tighearna, a chionn gu bheil e math, a chionn gum mair a thròcair gu bràth; an sin lìonadh an taigh le neul, taigh an Tighearna.


Agus cha b’urrainn na sagartan seasamh a fhrithealadh air sgàth an neòil: oir lìon glòir an Tighearna taigh Dhè.


A Thighearna, is ionmhainn leam còmhnaidh do thaighe‐sa, agus ionad pàillean do ghlòire.


Agus bha foillseachadh glòir an Tighearna mar theine dian‐loisgeach air mullach an t‑slèibh, ann an sùilean chloinn Israeil.


Agus thubhairt mi, Mo thruaighe mise! Oir chaidh as dhomh; oir is duine mi aig a bheil bilean neòghlan, agus am measg sluaigh aig a bheil bilean neòghlan tha mi am chòmhnaidh; oir chunnaic mo shùilean an Rìgh, Tighearna nan sluagh.


Agus lìonadh an teampall le deataich o ghlòir Dhè, agus o a chumhachd‐san; agus cha b’urrainn neach sam bith dol a‑steach don teampall, gus am biodh seachd plàighean nan seachd aingeal air an coileanadh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan