2 Eachdraidh 7:10 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 199210 Agus air an treas‐là‑fichead den t‑seachdamh mìos leig e an sluagh air falbh dam bùthan, aoibhinn agus subhach nan cridhe airson a’ mhaitheis a nochd an Tighearna do Dhaibhidh, agus do Sholamh, agus do Israel a shluagh. Faic an caibideilAm Bìoball Gàidhlig 199210 Agus air an treas-là‑fichead den t‑seachdamh mìos leig e an sluagh air falbh dam bùthan, aoibhinn agus subhach nan cridhe airson a’ mhaitheis a nochd an Tighearna do Dhaibhidh, agus do Sholamh, agus do Israel a shluagh. Faic an caibideil |
Agus nì thu gàirdeachas an làthair an Tighearna do Dhia, thu fhèin, agus do mhac, agus do nighean, agus d’òglach, agus do bhanoglach, agus an Lèbhitheach a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan, agus an coigreach, agus an dìlleachdan, agus a’ bhantrach, a tha nur measg, anns an ionad a thagh an Tighearna do Dhia a chur a ainme ann.
Ach an làthair an Tighearna do Dhia ithidh tu iad anns an àit a thaghas an Tighearna do Dhia, thu fhèin, agus do mhac, agus do nighean, agus d’òglach, agus do bhanoglach, agus an Lèbhitheach a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan: agus nì thu gàirdeachas an làthair an Tighearna do Dhia anns gach nì ris an cuir thu do làmhan.