Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Eachdraidh 4:3 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Agus foidhpe bha coslas dhamh, a chuartaich i mun cuairt, deich anns an làmh‐choille a’ dol mu thimcheall na mara mun cuairt. Thilgeadh dà shreath dhamh nuair a thilgeadh i fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Agus foidhpe bha coslas dhamh, a chuartaich i mun cuairt, deich anns an làmh-choille a’ dol mu thimcheall na mara mun cuairt. Thilgeadh dà shreath dhamh nuair a thilgeadh i fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Eachdraidh 4:3
8 Iomraidhean Croise  

Agus rinn e muir leaghte, deich làmhan‐coille o bhile gu bile, cruinn mun cuairt, agus còig làmhan‐coille a h‑àirde; agus chuartaich snàthainn deich làmhan‐coille ar fhichead i mun cuairt.


Sheas i air dà‑dhamh‐dheug, trì ag amharc gu tuath, agus trì ag amharc an iar, agus trì ag amharc gu deas, agus trì ag amharc an ear: agus chuireadh a’ mhuir orra gu h‑àrd, agus bha a’ chuid‐dheiridh dhiubh uile a‑staigh.


Airson coslas an aghaidhean, bha aca nan ceathrar aghaidh duine, agus aghaidh leòmhainn air an taobh deas; agus bha aca nan ceathrar aghaidh daimh air an làmh chlì: bha fòs aca nan ceathrar aghaidh iolaire.


Agus bha ceithir aodannan aig gach aon: aghaidh ceruib a’ chiad aodann, agus aghaidh duine an dara aodann, agus aghaidh leòmhainn an treas, agus aghaidh iolaire an ceathramh.


Agus cuartaichidh sibh am baile, sibhse fheara‑cogaidh uile, agus thèid sibh mu thimcheall a’ bhaile aon uair: mar seo nì thu air sia làithean.


Agus bha an ciad bheò‐chreutair cosmhail ri leòmhann, agus an dara beò‐chreutair cosmhail ri laogh, agus bha aig an treas beò‐chreutair aghaidh mar dhuine, agus bha an ceathramh beò‐chreutair cosmhail ri iolair ag itealaich.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan