Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Eachdraidh 4:1 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 Agus rinn e altair umha: fichead làmh‐choille a fad, agus fichead làmh‐choille a leud, agus deich làmhan‐coille a h‑àirde.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus rinn e altair umha: fichead làmh-choille a fad, agus fichead làmh-choille a leud, agus deich làmhan-coille a h‑àirde.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Eachdraidh 4:1
11 Iomraidhean Croise  

Agus sheas Solamh air beulaibh altair an Tighearna, ann an làthair uile choitheanal Israeil, agus sgaoil e a‑mach a làmhan gu nèamh:


Air an là sin fhèin naomhaich an rìgh meadhon na cùirte a bha air beulaibh taigh an Tighearna: oir thug e suas an sin ìobairtean‐loisgte, agus tabhartasan‐bìdh, agus saill nan tabhartas‐sìthe; a chionn gu robh an altair umha a bha am fianais an Tighearna ro‑bheag a ghabhail nan ìobairt‐loisgte, agus nan tabhartas‐bìdh, agus saill nan tabhartas‐sìthe.


Agus dh’ìobair Solamh trì uairean anns a’ bhliadhna ìobairtean‐loisgte, agus ìobairtean‐sìthe air an altair a thog e don Tighearna, agus loisg e tùis air an altair a bha am fianais an Tighearna: agus chrìochnaich e an taigh.


Mar an ceudna, bha an altair umha, a rinn Besalil mac Uri mhic Huir, an sin fa chomhair pàillean an Tighearna; agus dh’iarr Solamh agus an coitheanal i.


Agus nuair a chuala Asa na briathran sin, agus fàidheadaireachd Asariah mhic Odeid am fàidh, ghabh e misneach, agus chuir e air falbh na h‑iodhalan gràineil à tìr Iùdah agus Bheniàmin uile, agus as na bailtean a ghlac e de shliabh Ephraim, agus dh’athnuadhaich e altair an Tighearna, a bha air beulaibh sgàth‐thaigh an Tighearna.


An sin chaidh iad a‑steach a dh’ionnsaigh Heseciah an rìgh, agus thubhairt iad, Ghlan sinn taigh an Tighearna uile, agus altair na h‑ìobairt‐loisgte maille ra soithichean uile, agus bòrd an arain thaisbeanta maille ra shoithichean uile.


Agus naomhaich Solamh meadhon na cùirte a bha fa chomhair taigh an Tighearna: oir thug e suas an sin ìobairtean‐loisgte, agus saill nan tabhartas‐sìthe, a chionn nach b’urrainn an altair umha a rinn Solamh na h‑ìobairtean‐loisgte, agus na tabhartasan‐bìdh, agus an t‑saill, a ghabhail.


An sin dh’ìobair Solamh ìobairtean‐loisgte don Tighearna, air altair an Tighearna, a thog e fa chomhair an sgàth‐thaighe;


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan