Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Eachdraidh 30:2 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Agus ghabh an rìgh comhairle, agus a uachdarain, agus an coitheanal uile ann an Ierusalem, a’ chàisg a chumail air an dara mìos.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Agus ghabh an rìgh comhairle, agus a uachdarain, agus an coitheanal uile ann an Ierusalem, a’ chàisg a chumail air an dara mìos.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Eachdraidh 30:2
11 Iomraidhean Croise  

Gu cinnteach cha do chumadh a leithid seo de chàisg o làithean nam britheamhan a thug breith air Israel, no ann an uile làithean rìghrean Israeil, no rìghrean Iùdah:


Agus dh’àithn Solamh do Israel uile, do na ceannardan mhìltean agus cheud, agus do na britheamhan, agus do gach uachdaran air Israel uile, cinn nan athraichean.


Agus chuir Heseciah fios gu Israel uile agus gu Iùdah, agus mar an ceudna sgrìobh e litrichean gu Ephraim agus gu Manaseh, iad a theachd gu taigh an Tighearna ann an Ierusalem, a chumail na càisge don Tighearna Dia Israeil.


Agus chruinnich ann an Ierusalem mòran sluaigh, a chumail fèill an arain neo‐ghortaichte anns an dara mìos, co‑chruinneachadh ro‑mhòr.


Agus mharbh iad a’ chàisg air a’ cheathramh‐là‑deug den dara mìos; agus bha nàire air na sagartan agus air na Lèbhithich, agus naomhaich iad iad fhèin, agus thug iad a‑steach ìobairtean‐loisgte do thaigh an Tighearna.


Agus chùm Iosiah ann an Ierusalem càisg don Tighearna: agus mharbh iad a’ chàisg air a’ cheathramh‐là‑deug den chiad mhìos.


Far nach eil comhairle, tuitidh sluagh; ach ann an lìonmhorachd chomhairleach tha tèarainteachd.


Gun chomhairle, thig rùintean gu neoni; ach ann an lìonmhorachd chomhairleach daingnichear iad.


Is fheàrr leanabh bochd agus glic na rìgh sean agus amaideach, nach gabh comhairle nas mò.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan