Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Eachdraidh 3:8 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

8 Agus rinn e an taigh as ro‑naoimhe: a fhad a rèir leud an taighe, fichead làmh‐choille, agus a leud fichead làmh‐choille: agus chòmhdaich e thairis e le òr fìorghlan, a thàinig gu sia ceud tàlann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

8 Agus rinn e an taigh as ro‑naoimhe: a fhad a rèir leud an taighe, fichead làmh-choille, agus a leud fichead làmh-choille: agus chòmhdaich e thairis e le òr fìorghlan, a thàinig gu sia ceud tàlann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Eachdraidh 3:8
7 Iomraidhean Croise  

Agus thog e fichead làmh‐choille ri taobhan an taighe le clàir seudair, on ùrlar gu ruig mullach nam ballachan; agus thog e dha iad air an taobh a‑staigh, eadhon don ghuth‐àit, don ionad ro‑naomh.


Agus crochaidh tu suas am brat fo na cromagan, agus bheir thu a‑steach ann an sin àirc na Fianais, an taobh a‑staigh den bhrat: agus roinnidh am brat dhuibhse eadar an t‑ionad naomh agus an t‑ionad ro‑naomh.


Mar sin thomhais e a fhad fichead làmh‐choille, agus an leud fichead làmh‐choille, fa chomhair aghaidh an teampaill; agus thubhairt e rium, Is e seo an t‑ionad ro‑naomh.


Uime sin, a bhràithrean, do bhrìgh gu bheil dànachd againn gu dol a‑steach don ionad as naoimhe tre fhuil Iosa,


Agus an taobh a‑staigh den dara roinn‐bhrat, am pàillean ris an abrar an t‑ionad as ro‑naoimhe;


Nì a bha na shamhladh don aimsir a tha an làthair, anns an robh araon tìodhlacan agus ìobairtean air an toirt suas, nach robh comasach air an tì a bha a’ dèanamh na seirbhis sin a dhèanamh coileanta, a‑thaobh a chogais,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan