Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Eachdraidh 3:4 - Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

4 Agus an sgàth‐thaigh a bha air beulaibh an taighe, fichead làmh‐choille a fhad, a rèir leud an taighe, agus ceud agus fichead làmh‐choille a àirde: agus chòmhdaich e thairis e air an taobh a‑staigh le òr fìorghlan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

4 Agus an sgàth-thaigh a bha air beulaibh an taighe, fichead làmh-choille a fhad, a rèir leud an taighe, agus ceud agus fichead làmh-choille a àirde: agus chòmhdaich e thairis e air an taobh a‑staigh le òr fìorghlan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Eachdraidh 3:4
6 Iomraidhean Croise  

Agus an sgàth‐thaigh air beulaibh teampall an taighe, b’e fichead làmh‐choille a fhad, a rèir leud an taighe; agus deich làmhan‐coille a leud, air beulaibh an taighe.


A‑nis thòisich iad air a’ chiad là den chiad mhìos air naomhachadh, agus air an ochdamh là den mhìos thàinig iad gu sgàth‐thaigh an Tighearna, agus naomhaich iad taigh an Tighearna ann an ochd làithean, agus air an t‑siathamh‐là‑deug den chiad mhìos chrìochnaich iad an obair.


Agus thug e mi gu sgàth‐thaigh an teampaill, agus thomhais e gach post den sgàth‐thaigh, còig làmhan‐coille air an taobh seo, agus còig làmhan‐coille air an taobh eile; agus b’e leud a’ gheata trì làmhan‐coille air an taobh seo, agus trì làmhan‐coille air an taobh eile.


Agus bha Iosa a’ sràideamachd anns an teampall ann an sgàth‐thaigh Sholaimh.


Agus a’ cumail Pheadair agus Eòin (don bhacach a chaidh a leigheas), ruith an sluagh uile dan ionnsaigh anns an sgàth‐thaigh ris an abrar sgàth‐thaigh Sholaimh, làn iongantais.


Agus rinneadh mòran chomharraidhean agus mhìorbhailean am measg a’ phobaill le làmhan nan abstol; (agus bha iad uile a dh’aon inntinn ann an sgàth‐thaigh Sholaimh:


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan